Cùmhnant
Ged a nì sinn ar dìcheall a' dèanamh cinnteach gu bheil gach fios air an làraich-lìn againn ceart, faodaidh Sabhal Mòr Ostaig nì sam bith atharrachadh gun fios a sgaoileadh ro làimh. Cha bhi prìsean air fàirdealan eadar-dhealaichte bhon phrìs a thèid aontachadh nuair a cheannaichear bathar ge-tà. Ma bhios ceist sam bith agaibh a tha a' buntainn ri bathar, bu chòir dhuibh a togail mus cuir sibh an t-òrdugh.
Pàigheadh
Bidh sinn a' cleachdadh PayPal airson gach pàigheadh air loidhne. Faodar pàigheadh le cairt-creidis no cairt-debit air an fhòn airson a chur air dòigh.
Postadh
MA THA SIBH AIRSON BATHAR FHAIGHINN BHUAINN AIR A' BHÙTH AIR-LOIDHNE RO ÀM NA NOLLAIG, CUIRIBH ÒRDUGH THUGAINN RO DEIREADH A' CHAID SEACHDAIN ANNS AN DÙBHLACHD.
BIDH A' CHOLAISTE DÙINTE THARAIS AN NOLLAIG AGUS A' BHLIADHNA ÙR. FAODAIDH SIBH ÒRDUGH A CHUR A-STEACH DHAN BHÙTH AIR-LOIDHNE AIG AN ÀM SEO ACH CHA BHI SINN A' CUR CÀIL AIR FALBH GUS AM BI SINN AIR AIS AIR. TAING MHÒR.
Cuiridh sinn gach òrdugh air falbh taobh a-staigh 5 làithean-obrach, fhad 's a tha am bathar againn aig an àm. Dh'iarramaid oirbh gabhail ri suas gu 28 làithean-obrach airson an t-òrdugh a lìbhrigeadh.
An Rìoghachd Aonaichte
Bidh postadh CDan a' cosg £1.50 airson a' chiad fhear agus 50sg airson gach CD a bharrachd.
Luach òrdugh Cosg postaidh & pacaidh
< £5 £1.50
£5-£10 £2.50
£10.01-£20 £3.50
£20.01-£50 £5
£50.01-£100 £12
> £100 £20
An còrr den t-saoghal & An Roinn Eòrpa
Nach bruidhinn sibh rinn gu dìreach airson cosg postaidh is pacaidh aontachadh.
Dh'fhaodadh e a bhith gum bi prìs postaidh nas daoire aig cuid de rudan. Gheibhear am fios sin air an làraich-lìn.
A' Tilleadh Bathair
Ma bhios nì sam bith a cheannaichear bho Bhùth air loidhne Sabhal Mòr Ostaig easbhaidheach, air a mhilleadh sa phost, no eadar-dhealaichte bhon tuairisgeul air an làraich-lìn, bidh sinn ro thoilichte rud ùr a chur na àite no an t-airgead ath-dhìoladh, a rèir dè as fheàrr leis an neach-ceannachd.
Ma cheannaich neach-ceannachd stuth bho Shabhal Mòr Ostaig air mhearachd, bidh sinn toilichte rud eile a chur na àite no an t-airgead ath-dhìoladh, cho fad 's a thèid an stuth a chaidh a cheannach sa chiad àite a thilleadh dhuinn gun a bhith air a chleachdadh agus ann an staid a ghabhas a reic a-rithist.
Ma bhithear airson rudeigin a thilleadh, feumar fios a leigeil gu Sabhal Mòr Ostaig taobh a-staigh 14 làithean às dèidh dhuibh an t-òrdugh fhaighinn agus cha ghabh sinn ri bathar a thèid a thilleadh mura deach sin aontachadh ro làimh. Ma thèid bathar a thilleadh gun a bhith air aontachadh ro làimh, tillidh sinn e thugaibh agus bi agaibh ri pàigheadh air a shon.
Ma tha rud sam bith a dhìth ann an òrdugh feumar fios a leigeil dhuinn taobh a-staigh 14 làithean às dèidh dhuibh an t-òrdugh fhaighinn.
Nuair a thèid òrdugh a thilleadh, cumaidh sinn na cosgaisean-puist.
Cha toir seo buaidh sam bith air ur còraichean a rèir an lagha mar luchd-ceannachd.
Cuiribh fios gu:
Bùth
Sabhal Mòr Ostaig
Slèite
An t-Eilean Sgitheanach
IV44 8RQ
Fòn: 01471-888 411
Post-dealain: buth@smo.uhi.ac.uk