Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Blas na Gàidhlig - Michael Bauer

'S e leabhar mìorbhaileach a tha seo air cuspair iomadh-fhillte: Fuaimneachadh na Gàidhlig. Leis an leabhar seo 's urrainn fiù's luchd-tòiseachaidh eòlas fhaighinn air cuspair mar fhogharach 's faighinn a-mach gu mionaideach carson a tha…

£35.00

Faclair Angus Watson

Anns an fhaclair seo gheibhear eadar-theangachaidhean air tòrr fhaclan co-cheangailte ri iomadh cuspair, nam measg cuspairean fìor ùr leithid coimpiutaireachd. Gheibhear cuideachd pailteas abairtean a bharrachd air stiùireadh air rèimean na Gàidhlig. Tha e air…

£25.00

Complete Gaelic Pack

’S e seo pasgan Gàidhlig san t-sreath “teach yourself”. Na bhroinn gheibh sibh an leabhar Complete Gaelic, cùrsa cànain le Boyd Robasdan agus Iain Mac an Tàilleir, a bharrachd air na CDan a tha a’…

£39.99

Brìgh nam Facal - Richard A.V. Cox

’S e seo faclair a chaidh a dheasachadh le Richard A.V. Cox , a tha a’ gabhail a-steach barrachd air 9,000 facal. A bharrachd air mìneachadh nam facal, tha e a’ toirt seachad fios air…

£10.00

Speaking Our Language

Tha na leabhraichean seo stèidhichte air prògram t.bh. air a bheil an aon ainm. Tha faclan is abairtean air an cur an aithne an neach-ionnsachaidh a rèir shuidheachaidhean làitheil agus an leabhar stèidhichte air còmhradh.…

£10.95

Am Faclair Gàidhlig-Beurla - Colin Mark

'S e seo aon de na faclairean Gàidhlig as fharsainge agus cuid de dh'oilthighean ga mholadh mar leabhar-cùrsa do dh'oileanaich na Gàidhlig. A bharrachd air faclan, tha mòran abairtean air am mìneachadh agus rèimean a'…

£55.00

Faclair Gàidhlig gu Beurla & Beurla gu Gàidhlig

'S e seo faclair Gàidhlig air a dheasachadh le Boyd Robasdan agus Iain Dòmhnallach. Tha 24 000 eadar-theangachaidhean na lùib, nam measg abairtean cumanta, agus earrannan sònraichte aig cùl an leabhair le ainmean àite, ainmean…

£15.99