Home

Complete Gaelic - Boyd Robasdan agus Iain Mac an Tàilleir

'S e seo cùrsa cànain le Boyd Robasdan agus Iain Mac an Tàilleir. Tha 23 leasanan san leabhar seo le còmhradh, obair is puingean gràmair anns gach fear dhiubh. Tha freagairtean dhan obair ann, earrann sùil-air-ais agus Faclair Beag le earrannan sònraichte son ainmean daoine agus ainmean àite aig cùl an leabhair. 'S e amas an leabhair gum bi daoine fileanta is misneachail a' bruidhinn, a' sgrìobhadh is a' leughadh na Gàidhlig aig deireadh a' chùrsa. Chaidh an leabhar fhoillseachadh às ùr is e a' leantainn riaghailtean ùra GhOC. Tha CDan ann a bhios a' dol leis an leabhar cuideachd, agus an dà chuid ri fhaighinn còmhla san "Complete Gaelic Pack".

Tha faclair nas fharsainge, Essential Gaelic Dictionary, a bharrachd air CD, 'Speak Gaelic with Confidence', ri fhaighinn san aon t-sreath.

£17.99


Co mheud | Quantity:

Stock: