Home

Màiri Anna NicUalraig & Na Seòid

’S e seo clàr a rinn an ceòladair ùr air mhuinntearas aig Sabhal Mòr Ostaig, Màiri Anna NicUalraig, còmhla ris a’ bhuidheann de sheinneadairean Gàidhlig “Na Seòid”. ’S iad Aonghas MacPhàil, Calum Ailig Mac GilleMhaolain, Gillebrìde MacGilleMhaoil, Griogair Labhruidh, Seumas Greumach, Norrie MacÌomhair agus Tormod MacArtair is iad uile air cliù a chosnadh dhaib’ fhèin. ’S e CD fìor mhath a th’ ann le measgachadh de dh’òrain is puirt-a-beul, cuid dhiubh air an gabhail le neach a-mhàin agus cuid dhiubh leotha uile.

Clàr òran:
1. Chunna Mise mo Leannan
2. A Pheigi, a Ghràidh
3. An Gàidheal ’s a Leannan
4. Sìos dhan an Àbhainn
5. Bodach Innse Chrò
6. Mo Chailin Dìleas Donn
7. A Chiall ’s a Ghràidh
8. Amadan Gòrach Saighdeir
9. A Mhàiri Bhòidheach
10. Sgeir an Òir
11. Òran Mhanitoba
12. Na Seòid

£13.99


Co mheud | Quantity:

Stock: