Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

A' Cholaiste

http://www.smo.uhi.ac.uk/images/uploads/a-cholaiste.jpg

Chaidh Sabhal Mòr Ostaig a stèidheachadh ann an 1973 agus bhon uair sin tha i air cliù a chosnadh air feadh an t-saoghail mar Ionad Nàiseanta airson cànan agus cultar na Gàidhlig. Tha a' Cholaiste na com-pàirtiche ann an Oilthigh na Gaidhealtachd is nan Eilean (OGE), is i a' tairgsinn fìor chothroman foghlaim is rannsachaidh tro mheadhan na Gàidhlig a tha ga neartachadh tro bheatha ann an àrainneachd làn-Ghàidhlig.

'S e colaiste ùr-ghnàthach a th' ann an Sabhal Mòr Ostaig agus tha goireasan ionnsachaidh air leth ann, leabharlann sònraichte fhèin math, stiùideo craolaidh is clàraidh, agus tha àiteachan-fuirich agus ionad cùraim chloinne air an àrainn. Tha mu 90 oileanach clàraichte air cùrsaichean làn-thìde, mu 260 air cùrsaichean air astar agus bidh suas ri 800 a' clàradh air cùrsaichean goirid gach bliadhna.

Tha obair na Colaiste ga neartachadh tro chàirdeas leis a' choimhearsnachd Ghàidhlig agus tha iomadh pròiseact culturach agus cruthachail stèidhichte aig Sabhal Mòr, Tobar an Dualchais, Faclair na Gàidhlig agus Cànan nam measg.

Tha na h-ealain is cultar Gàidhlig fìor chudromach do Shabhal Mòr Ostaig agus tha a' Cholaiste a' ruith prògram còmhnaidh ann an ceòl, litreachas agus na h-ealain lèirsinneachd.


Amas na Colaiste

Tha Sabhal Mòr Ostaig airson a bhith na shàr ionad aig cridhe leasachaidhean ann an cànan agus dualchas nan Gàidheal le bhith a' tairgsinn deagh chothroman foghlaim, trèanaidh agus rannsachaidh agus beatha shòisealta tro mheadhan na Gàidhlig agus le bhith a' dol an sàs gu h-innleachdach còmhla ri daoine eile, luchd-gnìomhachais agus a' choimhearsnachd air fad gus leasachaidhean sòisealta, dualchasach agus eaconomach a chur air adhart.

Tha a' Cholaiste na h-àite foghlaim làn-Ghàidhlig agus na h'€‘àite gnìomhachais làn-Ghàidhlig, agus sàbhaladh, brosnachadh agus leudachadh na Gàidhlig nam prìomh adhbharan na Colaiste.

 --}