Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Àiteachan-fuirich

Tha Sabhal Mòr Ostaig a' tabhann àiteachan-fuirich ùr, cofhurtail ann an àrainneachd shònraichte a' coimhead a-null thar Linne Shlèite. Tha 84 seòmraichean-cadail ann, is taigh-beag anns gach fear. Tha trì dhiubh freagarrach do dh'aoighean le cathair-chuibhle. Gheibhear Wi-Fi an-asgaidh annta cuideachd. Tha cidsin agus seòmar-suidhe anns gach togalach-fuirich.

Tha Sgàthlann mìorbhaileach againn, a tha mòr is cofhurtail gu leòr airson ceathrar, aig mullach Lòchran an Dòmhnallaich. Tha for-uinneag do dh'aoighean an Sgàthlainn a-mhàin far am faicear seallaidhean air leth bho Ghleann Eilg is Cnòideart sa cheann a tuath cho fada gu deas ri Àird nam Murchan.

Lìon am foirm air-loidhne gu h-iosal ma tha ùidh agad ann am fuireach aig a' cholaiste.