Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Goireasan co-labhairt

Co-labhairtean agus Làithean-saora

Suidhichte ann an teis-meadhan na Gàidhealtachd, ann an aon de na h-àiteachan as eireachdail ann an Alba, tha Sabhal Mòr Ostaig a' tabhann àite air leth airson grunn thachartasan eadar-dhealaichte, eadar cruinneachaidhean beaga mì-fhoirmeil agus cuirmean air leth, co-labhairtean mòra is tachartasan sònraichte.

Tha an dòigh-obrach phroifeiseanta, ioma-chomasach, shùbailte againn a' ciallachadh gum bi luchd-cleachdaidh is aoighean a' tilleadh a-rithist is a-rithist agus gun tig a' mhor-chuid de na h-aoighean thugainn mar thoradh air an deagh mholadh a chuala iad mar deidhinn.

Tha 190 cathair ann an Talla Dhonaidh Chaimbeul, an talla againn; tha an Talla Mòr nas lugha, ach gu math '€˜càirdeil'€™; agus tha grunn sheòmraichean eile againn le deagh goireasan a tha freagarrach airson coinneamhan, bùithtean-obrach agus co-labhairtean-bhideo a chumail. 

Tha stiùideo telebhisein agus goireas craolaidh ùr againn ann am Fàs, an t-ionad ùr airson nan gnìomhachasan cruthachail is cultarach. Gabhaidh iad seo a chleachdadh air màl bho MG Alba. Tha Amharclann a-muigh ri taobh Àrainn Chaluim Chille le àiteachan gu leòr ann do 200 neach.

Is urrainn dhuinn do chuideachadh a thaobh goireasan eadar-theangachaidh mar-aon, acfhainn chlàraidh bhideo is fuaim, goireasan coimpiutaireachd agus le siostam airson fiolmaichean a shealltainn.

Ma tha feum agad orra, tha Sabhal Mòr Ostaig a' tabhann àiteachan-fuirich ùr, cofhurtail ann an àrainneachd shònraichte a' coimhead a-null thar Linne Shlèite. Tha 84 seòmraichean-cadail ann, is taigh-beag anns gach fear. Tha trì dhiubh freagarrach do dh'€™aoighean le cathair-chuibhle. Gheibhear Wi-Fi an-asgaidh annta cuideachd. Tha na còcairean mìorbhaileach againn air iomadh tachartas mòr a chur air dòigh gu soirbheachail, is iad a' tuigsinn gu bheil gach tachartas eadar-dhealaichte.

As bith dè tha san amharc agad, bhiodh sinne ro thoilichte do chuideachadh. Airson barrachd fiosrachaidh mu na goireasan againn, agus cosgaisean na bliadhna sa, lìon am foirm-iarrtais airson tachartasan, coinneamhan is co-labhairtean no cuir fios thugainn air 01471 888000. Tha sinn a' a' dèanamh fiughair ri cluinntinn bhuat.