Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Goireasan craolaidh is clàraidh

Skye Space

Tha Skye Space na shàr-stiùidio, uile-ghoireasach aig cridhe coimhearsnachd bheothail is e cuideachd na phrìomh ionad foghlaim àrd-ìre airson cuspairean nam meadhanan is an telebhisein ann an Gàidhlig. Tha Skye Space riatanach dha trèanadh is leasachadh sgilean ann an craoladh na Gàidhlig. 'S e stiùidio uile-ghoireasach a th' ann, le gailearaidh riochdachaidh is goireasan fuaim is for-riochdachaidh. Gheibhear barrachd fiosrachaidh air http://www.skyespace.co.uk/

 

Stiùidio Ostaig

Tha Stiùidio Ostaig na stiùidio clàraidh ùr proifeiseanta uidheamaichte aig ìre àrd a tha stèidhichte aig Àrainn Ostaig. Tha uidheamachd ìre a' ghnìomhachais ann an gaileiridh an stiùidio a leithid Digidesign C|24 agus teicneolas Protools agus tha an t-àite clàraidh air fear den fheadhainn as motha an Alba. Tha an stiùidio stèidhichte ann an àite a tha ann an cridhe cultar is foghlam na Gàidhlig agus a tha co-cheangailte ri goireasan na Colaiste a leithid dà àite taisbeanaidh a tha air leth math is eadar-dhealaichte, àiteachan cluiche, goireasan bidhe agus pailteas àiteachan-fuirich.

'S urrainn don luchd-ciùil a thighinn an lùib coimhearsnachd bheothail cheòlmhor, fois a ghabhail, cothrom cluiche fhaighinn agus an cuid ciùil a chruthachadh ann an àite a tha an dà chuid brèagha agus brosnachail. Gheibhear an tuilleadh fiosrachaidh aig http://www.stiuidio.co.uk/ no cuir fios gu Dr Decker Forrest air sm00df@smo.uhi.ac.uk