An Àrainn

Tha Sabhal Mòr Ostaig OGE a' toirt a-steach dà làraich - is iad Àrainn Ostaig agus Àrainn Chaluim Chille. Cha toir e ach còig mionaid a' coiseachd eatorra air ceum-coise, a tha air a dheagh shoilleireachadh air an oidhche le solais. Tha Fàs, an t-Ionad airson Ghnìomhachasan Cruthachail is Cultarail, ri taobh Àrainn Chaluim Chille.