Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Buidhnean aig a' Cholaiste

Ainmean-Àite na h-Alba

'S e Ainmean-Àite na h-Alba an com-pàirteachadh nàiseanta airson comhairle a chumail air ainmean-àite Gàidhlig na h-Alba. 'S e a phrìomh rùn aontachadh dreachan ceart ainmean-àite Gàidhlig airson mhapaichean, shanasan is cleachdadh coitcheann.

Bidh e a' cleachdadh eòlas nam buidhnean com-pàirteachaidh, eòlais ionadail agus thùsan eachdraidheil airson dreachan reachdail aontachadh air ainmean-àite Gàidhlig. Bithear a' leantainn chleachdaidhean litreachaidh stèidhichte a leithid Gnàthachas Litreachadh na Gàidhlig agus an stiùiridh a dheasaich sinn air ainmean-àite Gàidhlig.

Tha an Com-pàirteachadh air a bhith ag obair cuide ri Ordnance Survey, comhairlean ionadail, ùghdarrasan rathaid is buidhnean poblach bho 2000, a' liubhairt ainmean Gàidhlig airson mhapaichean is shoidhnichean. Tha an Com-pàirteachadh a' steidheachadh clàr-àitean nàiseanta ainmean Gàidhlig mar a chaidh ainmeachadh ann am Plana Nàiseanta na Gàidhlig airson fiosrachadh earbsach air ainmean-àite Gàidhlig a chur an cèill.

Chithear an tuilleadh fiosrachaidh aig www.gaelicplacenames.org/

 

Faclair na Gàidhlig

'S e iomairt eadar-oilthighean a th' ann am Faclair na Gàidhlig, anns a bheil Oilthigh Obar Dheathain, Oilthigh Dhùn Èideann, Oilthigh Ghlaschu, Oilthigh Shrath Chluaidh agus Sabhal Mòr Ostaig OGE an sàs.

'S e amas na h-iomairt faclair eachdraidheil Gàidhlig a chruthachadh a bhios cho math ri na faclairean tomadach eachdraidheil a th' againn ann an Albais agus ann am Beurla, mar an Dictionary of the Older Scottish Tongue, an Scottish National Dictionary agus an Oxford English Dictionary. Tha iad sin a-nis rim faotainn air an eadar-lìon agus thèid Faclair na Gàidhlig fhoillseachadh air an eadar-lìon an toiseach cuideachd.

Clàraidh am faclair cunntas iomlan air eachdraidh na Gàidhlig agus cultar nan Gàidheal, bho na teacsaichean as tràithe a th' againn ann an Gàidhlig gus an latha an-diugh, a' cur Gàidhlig na h-Alba ann an co-theacsa le Gàidhlig na h-Èireann agus le Albais. Ann a bhith a' nochdadh nan ceanglaichean a th' eadar Gàidhlig agus Albais gu h-eachdraidheil, thèid ar tuigse air ar dearbh-aithne cànain nàiseanta a leudachadh gu ìre 's gum faicear an t-àite bunaiteach a bh' aig a' Ghàidhlig ann an eachdraidh cànanachais na h-Alba. Agus a cheart cho cudromach, nochdaidh e an dàimh eadar Gàidhlig na h-Alba agus Gàidhlig na h-Èireann.

Freagraidh am faclair air feumalachdan na Gàidhlig anns an 21mh linn, le bhith a' cruthachadh bun-stèidh ùghdarrasach airson faclairean Gàidhlig eile agus goireasan ionnsachadh cànain. Thèid am faclair a bhuineas ris an latha an-diugh, air a bheil an t-iarrtas as motha, a chruthachadh an toiseach. Bheir sin comas dhuinn faclairean eile, faclairean dà-chànanach agus aon-chànanach, a chruthachadh. Mar sin dheth, freagraidh am faclair air feumalachdan oileanach, thidsearan agus phàrantan a tha an sàs ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

'S e am Faclair am prìomh phròiseact cànain airson Gàidhlig na h-Alba, a bhios a' tabhann bun-stèidh agus brosnachadh airson iomairtean Gàidhlig san àm ri teachd.

Chithear an tuilleadh fiosrachaidh aig  http://www.faclair.ac.uk/

 

Tobar an Dualchais / Kist O Riches

Chaidh am pròiseact Tobar an Dualchais/Kist o Riches a chur air chois gus iomadh mìle uair a thìde de chlàran-fuaim Gàidhlig is Albais a ghleidheadh ann an cruth didseatach, a chatalogadh agus a sgaoileadh air-loidhne. Tha farsaingeachd mhòr anns na clàran-fuaim, le beul-aithris, òrain, ceòl, eachdraidh, bàrdachd agus sgeulachdan nam measg. Bha na clàran air an cruinneachadh air feadh na h-Alba agus nas fhaide air falbh bho na 1930an a-mach.

Tha na clàran-fuaim a' tighinn bho Sgoil Eòlais na h-Alba (Oilthigh Dhùn Èideann), BBC Alba agus bho Chruinneachadh Chanaigh aig Urras Nàiseanta na h-Alba.

Chithear an tuilleadh fiosrachaidh aig www.tobarandualchais.co.uk

 

Soillse

Is e com-pàirteachas rannsachaidh a tha ann an Soillse a tha a' toirt còmhla Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean, Oilthigh Obar Dheathain, Oilthigh Ghlaschu is Oilthigh Dhùn Èideann. Chaidh Soillse a stèidheachadh air sàilleabh gu bheil goireasan rannsachaidh a dhìth aig ìre ro-innleachd a tha comasach air fianais, dearbhadh agus tuigse fhreagarrach a thoirt do phoileasaidhean poblach a tha/bhitheas air an dealbhachadh airson ath-nuadhachadh a thoirt air cor na Gàidhlig ann an Alba san latha an-diugh agus san àm ri teachd.

Tha amasan dùbhlanach aig Soillse ri choileanadh agus feumaidh na com-pàirtichean acadaimigeach agus na buidhnean poblach eile obrachadh còmhla airson toraidhean a' phròiseict a thoirt gu buil. Cuideachd tha na toraidhean agus na buannachdan ris a bheilear an dùil à obair rannsachaidh Shoillse an crochadh air ceanglaichean làidir agus ciallach a stèidheachadh le coimhearsnachdan Gàidhlig na h-Alba.

Chithear an tuilleadh fiosrachaidh aig http://www.soillse.ac.uk/index.php