Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Corona Virus COVID-19

THA SINN FOSGAILTE, AGUS AG OBAIR AIR-LOIDHNE!

Mean air mhean tha an làrach againn a’ fosgladh airson gnìomhachd a rèir ìrean dìon Riaghaltas na h-Alba agus stiùireadh airson Colaistean agus Oilthighean. Tron samhradh bidh cuid de thachartasan beaga agus Cùrsaichean Goirid gu pearsanta air an àrainn, le àireamhan cuibhrichte gus cothrom com-pàirteachas shàbhailte a thoirt do dh ’oileanaich, luchd-tadhail agus luchd-obrach taobh a-staigh stiùiridhean Covid. Aig an aon àm tha sinn a’ cumail oirnn a’ tabhann ar Cùrsaichean Goirid Samhraidh air-loidhne dhaibhsan nach urrainn siubhal aig an àm seo. Tha sinn an dòchas gun urrainn dhuinn cuideachd na cùrsaichean HE stèidhichte air an àrainn againn ath-thòiseachadh aig toiseach na h-ath bhliadhna acadaimigeach aig toiseach an t-Sultain 2021.

Tha sinn gu mòr fosgailte agus ag obair le leantainn air adhart le pròiseactan, ionnsachadh agus rannsachadh, a’ cleachdadh dòigh-obrach measgaichte le obair-dachaigh leantainneach do luchd-obrach mar a dh’ fheumar, agus tachartasan agus coinneamhan eadar-dhealaichte fhathast air-loidhne. Bidh na cùrsaichean ionnsachadh air astar againn a’ leantainn mar as àbhaist, air-loidhne. Tha sinn dealasach a thaobh sàbhailteachd ar n-oileanaich, luchd-obrach agus coimhearsnachdan, agus aig an aon àm a’ toirt seachad deagh chothroman ionnsachaidh agus seirbheisean taic.

Far a bheil luchd-obrach ag obair air astar, ged a dh’ fhaodadh e toirt beagan nas fhaide nas àbhaist faighinn air ais thugaibhd, tha sinn fhathast an seo gus taic a thoirt dhuibh, ar cànan agus ar cultar. Is e post-d an dòigh as fheàrr air fios a chuir thugainn. Ma tha ceistean agaibh mu faighinn àite air na cùrsaichean againn, cuir fios thugainn air: iarrtas@smo.uhi.ac.uk. Airson cùisean eile agus ceistean coitcheann, cuir fios gu: fios@smo.uhi.ac.uk.

Faic am fiosrachadh gu h-ìosal agus airson am fios as ùire; thathar ag iarraidh air luchd-obrach agus oileanaich sùil a chumail air na puist-d aca, agus sùil a thoirt air an duilleag-lìn seo.

Leanaidh sinn oirnn ag ath-sgrùdadh nan ceumannan sàbhailteachd seo a rèir comhairle gnàthach bho Riaghaltas na h-Alba.

Fuirich sàbhailte, a chàirdean.

 

Modh-obrach Covid Sabhal Mòr Ostaig

Modh-obrach

 

Fiosrachadh do dh' Oileanaich, Luchd-obrach & Luchd-tadhal

Stiùireadh Covid-19 do Luchd-obrach

Stiùireadh Covid-19 do dh' oileanaich

Ceistean & Freagairtean do dh'oileanaich

Stiùireadh Covid-19 do Luchd-tadhail
 

 

Measaidhean-cunnairt

Measadh Chunnartan Covid 19 agus Siostaman Sàbhailte Obrach

A’ glanadh Togalaichean na Colaiste

 
Tha SMO glè eòlach air a bhith a' lìbhrigeadh teagasg air loidhne agus ged 'se suidheachadh gu tur neò-àbhaisteach a tha seo dhuinn uile, tha sinn a' planadh gu faiceallach gus dèanamh cinnteach gun urrainn dhuibh leantainn air adhart le ur cuid ionnsachaidh ge bi càite bheil sibh.
 
Tha sinn a' tuigsinn gur e suidheachadh mì-chinnteach a tha seo dha coimhearsnachd na Colaiste againn ach cumaibh sùil air làrach-lìn airson an fhiosrachadh as ùire

Fiosrachadh is comhairle as ùire do dh’oileanaich mun Choròna-bhìoras (COVID-19) bhon Riaghaltas:
https://bit.ly/FiosrachadhdoOileanaich