Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Cothroman Obrach

Is e Sabhal Mòr Ostaig an treas fastaiche as motha anns an Eilean Sgitheanach a’ tabhann chothroman-obrach fad-bliadhna.  Le còrr is 100 neach-obrach, tha sinn a’ cur fàilte air iarrtasan bho dhuine sam bith a tha airson a bhith an lùib coimhearsnachd-obrach a tha brosnachail, a chuireas luach sa chànan agus a tha a’ tuigsinn cho cudromach ‘s a tha obair sgioba ann a bhith a’ cur ri iomairt na Gàidhlig.  Tha co-ionannachd chothroman aig cridhe an t-Sabhail agus tha sinn airson ‘s gum bi cothrom aig duine sam bith air an cànan prìseil seo a chleachdadh nan obair làitheil. Leis a sin, tha sinn a’ creidsinn nach bu chòir ciorram, aois, ùine ann an cùram, gnè, nàiseantachd no fèin-aithne bacadh a chur oirbh sin a dhèanamh.

 

Manaidsear Leasachaidh Foghlaim Adhartach

Làn-ùine £32-35,000

Tha Sabhal Mòr Ostaig a’ sireadh Manaidsear Leasachaidh a bhios os cionn leasachadh foghlam adhartach agus foghlam air astar sa Cholaiste.  Bidh sibh os cionn sgiobaidhean beothail is thrang anns a’ Cholaiste – sgiobaidhean nan Cùrsaichean Goirid, nan Cùrsaichean air Astar agus nam Preantasachdan.

Thathas a’ sireadh neach aig a bheil sàr-sgilean stiùiridh, aig a bheil lèirsinn soilleir a thaobh foghlam Gàidhlig aig ìre leantainneach agus a chì agus a ghabhas greim air cothroman coimeirsealta às leth na Colaiste. Bidh an dreuchd seo stèidhichte aig a’ Cholaiste.

Ma tha thu den bheachd gu bheil an dreuchd seo freagarrach dhut, nach cuir thu iarrtas thugainn aig obair@smo.uhi.ac.uk

Ceann-la: 03/05/19

Agallamhan: 20 no 21 An Cèitean 2019 (ri dhearbhadh)

 

   Tuairisgeul Obrach (PDF)

  Foirm Iarrtais (PDF)

  Foirm Iarrtais (Doc)

 

Facladair Fo-thrèanadh

Faclair na Gàidhlig

Tuarastal :  £27,830 - £32,236

'S e iomairt eadar-oilthighean a th' ann am Faclair na Gàidhlig, anns a bheil Oilthigh Obar Dheathain, Oilthigh Dhùn Èideann, Oilthigh Ghlaschu, Oilthigh Shrath Chluaidh agus Sabhal Mòr Ostaig OGE an sàs, airson faclair eachdraidheil Gàidhlig a chruthachadh a bhios cho math ri na faclairean tomadach eachdraidheil a th' againn ann an Albais agus ann am Beurla.

Thathar a’ sireadh thagraichean mu choinneimh na dreuchd Facladair Fo-thrèanadh, a thig an lùib an sgioba agus aig am bi prìomh dhleastanas airson faclaireachd eachdraidheil na Gàidhlig a stèidheachadh.

Bidh deagh cheum agaibh, no teisteanas co-ionnan, ann an Gàidhlig na h-Alba. Bidh sibh comasach air obrachadh an dà chuid an lùib sgioba agus nur n-aonar agus bidh eanchainn sgrùdach agaibh is sibh fìor mhionaideach nur cuid dhòighean-obrach.

Àite-obrach:  Ri rèiteachadh. Feumar tadhal air prìomh oifis a’ phròiseict aig Sabhal Mòr Ostaig anns an Eilean Sgitheanach bho àm gu àm.

Ceann-latha iarrtasan:  Diciadain 22 Cèitean 2019.

Ceann-latha agallamhan:  Diluain 10 Ògmhios 2019

Iarrtasan:  Tha an tuilleadh fiosrachaidh agus foirm iarrtais rim faighinn bho Sharon Pearson, Manaidsear Pròiseict: sp1.smo@uhi.ac.uk.

 

 

Stiùiriche - Tobar an Dualchais

£42,000-46,000

Tha Tobar an Dualchais/Kist o Riches a’ sireadh Stiùiriche ùr airson am pròiseact cudromach seo a stiùireadh tron ath ìre de leasachaidhean.

‘S e goireas nàiseanta a th’ ann an Tobar an Dualchais a th’ air cliù a chosnadh air feadh an t-saoghail tro làrach-lìn a tha a’ taisbeanadh sgeulachdan, òran is chlàran air iomadh cuspair co-cheangailte ri dualchas na h-Alba. Tha clàran ann bho thrì cruinneachaidhean mòra – Sgoil Eòlais na h-Alba aig Oilthigh Dhùn Èideann, BBC Alba agus Urras Nàiseanta na h-Alba.

Anns an ath ìre de leasachaidhean, thèid làrach-lìn ùr a chruthachadh agus bidh plana leasachaidh ri dhealbhachadh airson an àm ri teachd.

‘S e cothrom air leth a tha seo do neach aig a bheil deagh eòlas air dualchas na Gàidhlig is Albais agus aig a bheil eòlas agus sàr sgilean ann an stiùireadh, leasachadh agus conaltradh a thighinn dhan Eilean Sgitheanach agus a bhith stèidhichte aig prìomh oifis a’ phròiseict, aig Sabhal Mòr Ostaig.

Bu chòir iarrtasan-obrach a chur gu obair@smo.uhi.ac.uk

Ceann-là: 03/05/19

Agallamhan (SMO): 20 no 21 An Cèitean  

 

   Pasgan Fiosrachaidh (PDF)

  Foirm Iarrtais (PDF)

  Foirm Iarrtais (Doc)

 

Rùnaire an Fhoghlaim

Tuarastal a rèir sgilean is eòlais

Tha cothrom air dreuchd ùr, Rùnaire an Fhoghlaim, air nochdadh aig Sabhal Mòr Ostaig. Ag obair do Stiùiriche Foghlaim na Colaiste, bidh thu aig teis-meadhan leasachaidhean saoghal an fhoghlaim aig an t-Sabhal. 

Bidh thu fileanta sa Ghàidhlig le deagh sgilean sgrìobhaidh (ged a bhios cothrom ann sgilean gràmair a leasachadh). Bidh thu comasach air dèiligeadh ri iomadh dleastanas do dh’iomadh neach ann an dòigh shocair, èasgaidh is le deagh-ghean.

‘S e sgioba mòr agus sgioba sgapte a th’ ann an Roinn an Fhoghlaim agus bhiodh cothrom agad fhèin a bhith aig cridhe chùisean.

Ma tha thu den bheachd gu bheil an dreuchd seo freagarrach dhut, nach cuir thu iarrtas thugainn aig obair@smo.uhi.ac.uk

Ceann-là airson iarrtasan: 5f air 19/04/19

Agallamhan (SMO): 26/04/19

 

  Tuairisgeul (PDF)

  Foirm Iarrtais (PDF)

  Foirm Iarrtais (Doc)

 

 

 

Luchd-taic Sgioba-glanaidh / Làn-ùine

£9 san uair

A bheil e a’ còrdadh riut a bhith ag obair ann an àite trang mar phàirt de sgioba bheothail? Tha cothroman air nochdadh ann an Roinn na h-Aoigheachd airson luchd-taic sgioba glanaidh agus bhiomaid toilichte cluinntinn bhuat.    

Gheibh thu trèanadh slàn agus cothroman a dhol gu clasaichean Gàidhlig mar phàirt den obair làitheil. Bidh agad ri dhol tro Disclosure Scotland.  

Bu chòir iarrtasan-obrach a chur gu obair@smo.uhi.ac.uk

Ceann-là airson iarrtasan: 5f air 19/04/19

 

 

  Tuairisgeul (PDF)

  Foirm Iarrtais (PDF)

  Foirm Iarrtais (Doc)

 

 

 

 


 

Gheibhear Foirm Iarrtais Obrach ann an dà chruth, RTF agus PDF. Deasachaidh, sàbhalaidh agus clò-bhualaidh a' chuid as motha de choimpiutairean foirm RTF. Gabhaidh foirm PDF a chlò-bhualadh agus a lìonadh le làimh-sgrìobhaidh.

 
  Foirm Iarrtais (PDF)    Foirm Iarrtais

 

Èisitibh ris a' chlàr seo airson abairt no dhà a thogail sa Ghàidhlig.  Bidh iad seo feumail dhuibh ma bhios sibh a' tòiseachadh sa Cholaiste 's gun ach beagan Gàidhlig agaibh.  Siuthadaibh, feuch e!