Cothroman Obrach
Rùnaire: Pàirt-ùine
3 latha san t-seachdain (Co-ionnan le 0.6 làn-ùine/ FTE)
£23,000 (Co-ionann le làn-ùine/FTE)
Tha Soillse a’ sireadh Rùnaire a bhios a’ toirt taic don Àrd-Mhanaidsear le obair rianachd, clèireachd agus le feumalachdan ceangailte leis a’ phròiseict as an fharsaingeachd, mar eisimpleir: deasachadh stuthan fiosrachaidh airson na làraich-lìn agus nam meadhanan sòisealta aig Soillse.
Bu chòir do thagraichean a bhith làn fhileanta agus litearra as a’ Ghàidhlig agus comasach air amasan na h-obrach a choilionadh air an ceann fhèin gun a bhith faighinn stiùireadh mionaideach a h-uile latha.
Bidh an dreuchd stèidhichte aig Sabhal Mòr Ostaig anns an Eilean Sgitheanach.
Tha tuilleadh fiosrachaidh ri fhaotainn air làrach-lìn Soillse aig: www.soillse.ac.uk agus bho Chairistiona NicCoinnich: obair@smo.uhi.ac.uk no air 01471 888 200.
Ceann latha airson tagraidhean – 1 Màrt 2013
Tha co-ionannachd aig cridhe Sabhal Mòr Ostaig. Bidh aig an fheadhainn a
shoirbhicheas ri dhol tro sgrùdadh Disclosure Scotland.
Ceannard Roinn Sgeadachaidh
An toil leat a bhith ag obair ann an sgioba thrang? Am bu thoil leat a bhith an sàs ann an leasachadh na Gàidhlig am measg do cho-obraichean? Tha sinn an-dràsta a’ sireadh Prìomh Neach Glanaidh do Roinn nan Goireasan. Feumar eòlas san roinn obair seo a thuilleadh air deagh sgilean conaltraidh agus comas sgioba a bhrosnachadh. Bhiodh e math nam biodh tu fileanta sa Ghàidhlig agus comasach air Gàidhlig a bhrosnachadh san sgioba. Gheibhear trèanadh slàn, a thuilleadh air cothroman ionnsachadh Gàidhlig airson an fheadhainn a tha fhathast ag ionnsachadh.
Tha tuilleadh fiosrachaidh ri fhaotainn bho Chairistiona NicCoinnich: obair@smo.uhi.ac.uk no air 01471 888 200.
Ceann latha airson tagraidhean – 22 an Gearran
Tha co-ionannachd aig cridhe Sabhal Mòr Ostaig. Bidh aig an fheadhainn a
shoirbhicheas ri dhol tro sgrùdadh Disclosure Scotland.