Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Eachdraidh is Leasachadh

http://www.smo.uhi.ac.uk/images/uploads/eachdraidh.jpgDh'fhosgail Sabhal Mòr Ostaig ann an 1973, ann an seann toglaichean tuathanais ann an Ostaig, Slèite. B' e am prìomh amas leabharlann Gàidhlig a chur air bhonn ach bha colaiste Ghàidhlig cuideachd san amharc, airson foghlam adhartach agus dreuchdail a thabhann do luchd-labhairt na Gàidhlig, anns a' chànan aca fhèin agus ann an coimhearsnachd dhùthchail. Bha barrachd is barrachd luchd-ionnsachaidh a' togail ùidh anns a' chànan agus bhiodh cothroman ionnsachaidh ann dhaibhsan cuideachd. Bhiodh seirbheisean agus goireasan a bheireadh taic do dh'obair na Colaiste rin cur air dòigh a bharrachd, ionad rannsachaidh mar eisimpleir. Ged nach eil cho fada sin bho thòisich a' Cholaiste, tha i air na h-amasan seo a choileanadh, agus fada a bharrachd air a sin, is i a' leantainn oirre gus barrachd chothroman Gàidhlig a thabhann don mhòr-shluagh.

Bha Sir Iain Noble, Somhairle MacGill-Eain, D.R. Dòmhnallach, an Dr Fionnlagh MacLeòid agus Gòrdan Barr am measg a' chiad urrasairean aig a' Cholaiste. Bhon chiad dol-a-mach tha iomadh gaisgeach is buidheann càirdeil air taic a thoirt don t-Sabhal.

Thòisich Sabhal Mòr Ostaig a' tabhann sgoiltean samhraidh is clasaichean oidhche sa Ghàidhlig agus a' cumail thachartasan sòisealta san sgìre. Aig an aon àm, lean an obair gus na toglaichean a chur air dòigh, airgead a thogail, an leabharlann a leasachadh agus beachdachadh air barrachd leudachaidh.

Ann an 1983 bha Sabhal Mòr Ostaig deiseil gus a' chiad chùrsa adhartach làn-thìde a thabhann agus tha a' Cholaiste air a bhith a' cur ri a taghadh chùrsaichean bhon uair sin. Bho chaidh i na com-pàirtiche acadaimigeach ann an Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean, tha a' Cholaiste air a bhith a' lìbhrigeadh chùrsaichean ceuma Gàidhlig, agus cùrsaichean for-cheum.

Bha cùrsaichean na Colaiste riamh a' toirt seachad oideachaidh ann an cuspairean co-aimsireil, dreuchdail, a bhiodh gu feum air Ghaidhealtachd agus don choimhearsnachd Ghàidhlig anns an fharsaingeachd. Bha craoladh iomadh-mheadhan Gàidhlig, rianachd ghnìomhachais agus teicneolas fiosrachaidh am measg cuspairean a' chiad chùrsaichean. An-diugh, tha cùrsaichean àrd-ìre na Colaiste a' coimhead air caochladh chuspairean a thuilleadh air na raointean cudromach sin, mar eisimpleir, ceòl, litreachas, nam meadhanan, planadh cànain agus leasachadh eaconomach.

Tha Sabhal Mòr Ostaig a' cur leasachaidhean ùra ann an teicneolas fiosrachaidh agus dòighean teagaisg an gnìomh cuideachd, gus barrachd chothroman a thabhann tro theagasg air astar.

Tha àrainn na Colaiste air leudachadh gu mòr leis mar a tha àireamh nan oileanach agus pròiseactan ùra a' dol am meud. Chaidh cur ri Àrainn Ostaig, le seòmraichean-cadail, oifisean agus stiùidio telebhisein. Beagan bhliadhnaichean às dèidh sin, rinneadh luadh mòr air fosgladh Àrainn Chaluim Chille far a bheil an tuilleadh seòmraichean teagaisg, seòmraichean-cadail, talla mòr grinn, seòmar-bìdh agus leabharlann àraid. Chaidh ionad cùraim chloinne fhosgladh bho chionn ghoirid agus tha barrachd leudachaidh san amharc don Cholaiste.

Bho chionn ghoirid, chaidh an t-Ionad Nàiseanta airson Cànan agus Cultar na Gàidhlig, Fàs, fhosgladh gu h-oifigeil le Ailig Salmond BPA, Prìomh Mhinistear na h-Alba. Tha an goireas ùr seo a' coileanadh aon de phrìomh amasan na Colaiste mar an t-Ionad Nàiseanta airson Cànan agus Cultar na Gàidhlig ann a bhith a' cur ri leasachadh eaconomach na sgìre cho math ri bhith a' neartachadh na h-obrach a tha a' Cholaiste a' dèanamh ann an teagasg, ionnsachadh, cultar agus rannsachadh.

Ann an co-bhoinn ri Urras Fearainn Chlann Dòmhnaill, Urras Coimhearsnachd Shlèite agus Comhairle Coimhearsnachd Shlèite tha Sabhal Mòr Ostaig ag obair air leasachadh Baile Gàidhealach ùr na 21mh linne. Tha an iomairt bhrosnachail is shamhlachail seo airson coimhearsnachd sheasmhach a leasachadh ann an àrainneachd fìor mhath air a piobrachadh leis na buadhan coitcheann de sheasmhachd shòisealta, eaconamach is chultarail, agus àrainn shàr oilthigh na chridhe. Tha an com-pàirteachas seo a' toirt cothrom don t-Sabhal Mhòr a chuid fearainn is toglaichean fhèin a leasachadh agus an t-àite aige ann an cridhe na coimhearsnachd ionadail a dhaingneachadh.

Eachdraidh na Colaiste ann an clò

Tha an leabhar 'Gealach an Fhàis', a' toirt sùil mhionaideach air eachdraidh is leasachadh na Colaiste cho math ri iomairtean brosnachaidh na Gàidhlig. Tha barrachd fiosrachaidh air an leabhar ri fhaighinn an seo.

Eachdraidh na Colaiste tro na Bliadhnaichean

Gu h-ìosal tha PDF de dh'eachdraidh na colaiste air a bhriseadh sìos gu adhartasan is tachartasan tro na bliadhnaichean

http://www.smo.uhi.ac.uk/images/uploads/pdf.gif Eachdraidh-tro-na-bliadhnaichean

 --}