Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Dìleab Ellice Dhòmhnallaich

Ellice Dòmhnallach CBEBha Ellice Dòmhnallach CBE 100 bliadhna a dh’aois an-uiridh nuair a dh’eug e. Rinn e mòran gu math Shlèite thar nam bliadhnaichean tro obair Urras Chlann Dòmhnaill, agus e gu mòr an sàs mar Urrasair ann an cuid de na leasachaidhean as motha a rinn an t-Urras san sgìre. Bha e cuideachd na dheagh charaid do Shabhal Mòr Ostaig.

Nuair a chaidh Urras Fearann Chlann Dòmhnaill a stèidheachadh ann an 1971, bha Ellice am measg na feadhna a b’ fhialaidh a thug taic is maoin don Urras. Bha e na Urrasair agus an uair sin na Cheannard air an Urras fad iomadh bliadhna. Chuir e Stèidheachd Ghleann Comhain air bhonn, buidheann carthannais a thug seachad tòrr airgid do phròiseactan is buidhnean ann an Alba, agus am measg na feadhna as motha a fhuair taic bha Urras Fearann Chlann Dòmhnaill.

A thuilleadh air an dìleab a dh’fhàg e tro obair an Urrais, thug Ellice seachad fearann don t-Sabhal Mhòr aig prìs glè reusanta air an deach an Tùr agus Àrainn Chaluim Chille a thogail. Chaidh an Tùr, ‘Lòchran an Dòmhnallaich’, ainmeachadh air.

Thuirt e mu dheidhinn fhèin aig an àm a chaidh ACC is an Tùr fhosgladh: “Bha mi nam Àrd-choimiseanair do Chlann Dòmhnaill USA fad sia bliadhna gu leth, tha mi air a bhith nam urrasair aig Urras Fearann Chlann Dòmhnaill bho 1971 agus nam cheannard bho 1977, ’s ann à Gleann Comhain a bha mo chuideachd, tha mi gam mheas fhèin mar fhear de Chlann ’IcIain agus tha mi den bheachd gur e an sealladh thar na Linne Shlèitich gu beanntan Chnòideirt air latha soilleir ’s a’ ghaoth san ear, an sealladh ’s dòcha as brèagha agus as brosnachail air an t-saoghal.”

A’ cuimhneachadh air Ellice, thuirt Prionnsapal an t-Sabhail, Proifeasair Boyd Robasdan: “Tha Sabhal Mòr Ostaig fada an comain Ellice Dhòmhnallaich airson na rinn e gus leigeil leis a’ Cholaiste làrach eireachdail Chaluim Chille, a tha coimhead thairis air an Linne Shlèitich, a thoirt gu buil.  Tha grunn sgoilearan a tha air tadhal air an àite air a ràdh gu bheil e air aon dhe na làraich as tarraingiche san Roinn Eòrpa.  Tha e iomchaidh gun deach na chuir Ellice ri leasachadh an t-Sabhail aithneachadh ann an ainm an tùir a tha na phàirt cho fìor shònraichte de chruth na tìre”.

Rugadh Ellice ann an New York ann an 1913, agus b’ ann do Chlann ’IcIain a bhuineadh  a chuideachd. Bha e an sàs ann an diofar chomainn is bhuidhnean le ceangal ri Clann Dòmhnaill fad iomadh bliadhna agus bha e gu mòr an sàs sna h-oidhirpean gus na buidhnean is comainn sin ann an Ameireagaidh a Tuath a neartachadh. Fhuair e CBE ann an 1995 airson na h-obrach a rinn e gus ceanglaichean eadar na Stàitean Aonaichte is Alba a chur air adhart.