Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Urras Leasachaidh SMO

Tha Urras Leasachaidh Sabhal Mòr Ostaig na urras chathrannais air a stiùireadh gu lèir le Bòrd nan Urrasairean neo-eisimeileach aige fhèin.

'S e adhbhar an Urrais maoin a thogail gus taic a chur ris a' cholaiste, mar shàr-ionad nàiseanta airson cànan is cultar na Gàidhlig, agus cuideachadh a thoirt dha is e a'  feuchainn ri cànan is cultar Gàidhlig na h-Alba a neartachadh ia ath-bheothachadh.

Tha an t-Urras a' lorg dhòighean ùra agus a dhol an sàs leis a' choimhearsnachd mhòir a bheir taic don chànan is don chultar agus a bhios na inneal do dhaoine fa leth, chompanaidhean, chorporrachdan, urrasan eadar-nàiseanta agus chomainn, pàirt chudromach a ghabhail ann a bhith cur taic ris an rùn sin.

 

A' maoineachadh Ar Lèirsinn

Tha Sabhal Mòr Ostaig a' faighinn prìomh-mhaoineachaidh bho Chomhairle Maoineachaidh Foghlam na h-Alba. A bharrachd air sin ge-tà, feumaidh a' Cholaiste 47% de na cosgaisean a phàigheadh agus comas a thoirt dhuinn na pròiseactan làthaireil is ro-mheasta againn a chumail a' dol a rèir ar plana ro-innleachdail. Ach ma tha sinn airson cumail oirnn a' leasachadh mar a dh'fheumas sinn gus ar n-amasan ro-innleachdail a thaobh leudachadh a' chànain a choileanadh, feumar mòran fhathast a dhèanamh.

Ma tha Sabhal Mòr Ostaig airson cumail air a' dèanamh diofar ann a bhith a' gleidheadh an ama ri tighinn do chànan is cultar na Gàidhlig, feumaidh sinn taic a tharraing, chan ann a-mhàin bho Ghàidhealtachd na h-alba, ach bhon choimhearsnachd nàiseanta is eadar-nàiseanta.

 

Teachdaireachd bhon Mhòrachd Rìoghail Prionnsa na Cuirigh, Cùl-taic Sabhal Mòr Ostaig

"Tha meas mòr agus spèis air a bhith agam air cultar Gàidheal na h-Alba o chionn fhada agus tha mi gu sònraichte toilichte a bhith nam chùl-taic do Shabhal Mòr Ostaig, institiùd a tha aig cridhe ath-bheothachadh cànan is traidiseanan na Gàidhlig. Le prògram de ghnìomhan foghlaim, cultarach agus rannsachaidh, air an lìbhrigeadh tro mheadhan na Gàidhlig, tha an t-ionad nàiseanta gun samhail seo air leth cudromach ann a bhith ag ath-stèidheachadh na ceanglaichean cultarach làidir a tha cho riatanach ann an ath-nuadhachadh coimhearsanchdan na Gàidhealtachd is nan Eilean agus a bhith gan neartachadh.

Chan e a-mhàin gur e sàr-ionad airson cànan agus dualchas a tha ann an Sabhal Mòr Ostaig, ach gu bheil i na samhla air na ghabhas a dhèanamh tro lèirsinn, dealas agus rùn dhaoine a tha cur uallach orra fhèin gus am bruadaran a thoirt gu bith. Is gann gu bheil dleastanasan sam bith a tha cho mòr ris an fheadhainn a tha ag èiridh a' glèidheadh cànain is cultar, gu sònraichte nuair a tha iad ann an aon dùthaich a-mhàin. ma gheibh a' Ghàidhlig bàs ann an Alba, gheibh i bàs san t-saoghal. Ma shoibheachas leatha ann an Alba, thèid teachdaireachd bhrosnaichail is dhochasach a sgaoileadh dhan fheadhainn eile a tha cur aghaidh air dùbhlain is duilgheadasn dhen aon seòrsa. 'S ann ann an sin a tha an dà chuid an dùblan is an cothrom nan laighe.

Gus cuideachadh a thoirt don cholaiste a h-amasam a choileanaidh, chaidh an t-urras leasachaidh seo a chur air dòigh agus tha mi an dòchas, is e a' cur taic ris a' Cholaiste, gum brosnaich is gun dèan e comasach do choimhearsnachd an t-saoghail a bhith a' dìon cànan is cultar na Gàidhlig anns an àm ri teachd."

 

Ag obair ann am Com-pàirteachas

Tha e na thlachd do dh'Urras Leasachaidh Sabhal Mòr Ostaig a dhol an sàs ann an caidreachas ro innleachdail còmhla ri dhà dhe na h-urrasan as cliùitiche is as buaine, caidreachas nan Gàidheal agus Urras a h-Aiseirigh. Bha an dà Urras seo air a stèidheachadh a dh'aon ghnothach gus coimhearsnachdan na Gàidhealtachd is nan Eilean a leasachadh cho math ri cànan is cultar na Gàidhlig a chuideachadh, a' sìor-leantainn orra mar thochraidhean ainmichte am broinn Urras Leasachaidh Sabhal Mòr Ostaig.  Tha e na urram mòr dhuinn a bhith dol an sàs leis an dà Urras mhairsinneach seo agus gus cothrom a bhith againn an rùn is na h-àmasan aca a chur an cèill is a chomharrachadh tron tochradh aca.

Bha an Dr Fearchar Mac an Tòisich, a bha na Chathraiche air ann t-Sabhal Mhòr, na eòlaiche foghlam aig an robh fìor lèirsinn agus a bha a' strì fad a bheatha às leth Gàidhlig is a cultair. An dèidh a bhàis ann an 2008 stèidhich Urras Leasachaidh SMO agus teaghlach Fhearchair maoin sgoilearachd mar chuimhne bhuan air cho dealasach 's a bha e a thaobh na Gàidhlig agus foghlam. Tha a' mhaoin seo na maoin thochraidh ainmichte am broinn an Urrais.

 

Mas urrainn Dhuibh Taic a thoirt Dhuinn

Tha Sabhal Mòr Ostaig a' cur fàilte air taic bho dhaoine air leth, corporrann, urrasan, co-chomainn agus buidhnean eile aig a bheil ùidh ann a bhith toirt taic airgid no taic phractaigeach a dh'ionnsaigh ar n-amasan.

Tha sinn fosgailte ri smaointean ùr-gnàthach sam bith a thèid a chur an cèill. 'S e ar prìomh dhleastanas geàrr-suim eaconomach sam bith a sheachnadh a dh'fhaodadh gin de na pròiseactan tha a' dèanamh an-àirde na h-arainneachd ionnsachaidh amailichte shònraichte againn- an fheadhainn làthaireach agus an fheadhainn ris a bheil sinn an dùil san àm ri teachd- a chur ann an cunnart.

Tha an liosta a leanas a' tabhann mholaidhean do dhaoine a tha a' beachdachadh tiodhlac a thoirt seachad air mar a dh'fhaodadh iad taic a chur ri ar n-amasan:-

  • Gabhaidh tabhartasan gun chumhachan a thoirt dhan Urras Leasachaidh, an uair a-mhàin no mar phàigeadh cunbhalach airson cur ri amasan na Colaiste anns an fharsaingeachd.
  • Gabhaidh tabhartasan le cumhachan a thoirt seachad a tha, mar eisimpleir, a' comharrachadh nam pròiseact- an no an seòrsa pròiseict ris am biodh maoin an tabhartaiche a' buntainn.
  • Gabhaidh dìleaban fhàgail aig an Urras ann an tiomnaidhean. Faodaidh iad a bhith gun chumhachan no airson phròiseactan sònraichte.
  • Tha Caidreamh an t-Sabhail cuideachd a' leigeil do luchd-taice airgead a thoirt seachad tro bhallrachd bhliadhnail.
  • Chaidh tochradh a stèidheachadh gus sruth airgid a chur ri adhbhar sònraichte no sgoilearachd shònraichte agus, mura tèid a chaochladh iarraidh, cuirear 5% de na tabhartasan gu lèir gu aon taobh a dh'aon ghnothaich.

Anns a h-uile suidheachadh, faodar cùisean a chur air dòigh gus dèanamh cinnteach gum faigh gach tabhartas airgid an làimhseachadh as goireasaiche a thaobh chìsean.

Airson thabhartasan eadar-nàiseanta tha Urras Leasachaidh Sabhal Mòr Ostaig, mar phàirt de OGE, a' tabhann dòigh clàraichte do thabhartaichean anns na Stàitean Aonaichte (US 501(c)3) gus dèanamh cinnteach gum faigh gach tabhartas an làimhseachadh as goireasaiche a thaobh chìsean.

 

Liosta de Phrìomh Phròiseactan agus Feumalachdan Leasachaidh Ro-mheasta

  • Leasachadh na h-oighreachd aig a' Cholaiste
  • Pròiseact Leasachaidh Baile na Cille Bige
  • Seirbhisean taic do dh'oileanaich, goireasan spòrs is chur-seachadan
  • Bursaraidhean Oileanaich agus Sgoilearachdan
  • Tochradh airson chathraichean acadaimigeach agus caidreamhan rannsachaidh
  • Maoin airson Prògram Luchd-ealain na Colaiste
  • Leudachadh chothroman cultarach is cur-seachad do dh'oileanaich is don choimhearasnachd
  • Leasachadh chùrsaichean ùra, barrachd ghnìochadan foghlaim agus in-ghabhail oileanaich
  • Togail cheanglaichean nas treasa leis a' choimhearsnachd
  • Maoin thochraidh airson iomairtean san àm ri teachd
  • A' cur taic ri agus a' leasachadh ghnìomhachdan tionnsglach agus fàs ghnìomhachasan
  • Leasachadh phrògraman com-pàirteachas agus iomairtean eadar-nàiseanta
  • Prògraman rannsachaidh
  • Leasachadh Ionad Chaluim Chille Ìle
  • Togail coimhearsanchd eadar-nàiseanta de luchd-taice
     

Cuir fios thugainn

Airson barrachd fiosrachaidh no gus coinneamh a chur air dòigh, leig fios do:

Dr Donnie Rothach, Prìomh Oifigear an Urrais

Post-d: sm00dm@uhi.ac.uk

Fòn: +44 (0) 1478 612177