Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Sanas Dìomhaireachd

Dè th’ ann an Dàta Pearsanta?

Tha dàta pearsanta a’ ciallachadh fiosrachadh pearsanta aig duine beò agus as urrainnear aithneachadh anns an fhiosrachadh sin. B’ urrainnear an neach aithneachadh anns an fhiosrachadh fhèin no an lùib fiosrachaidh eile ann an sealbh stiùiriche dàta no a dh’fhaodadh a thighinn thuca. ‘S ann fo Riaghailtean Coitcheann Dìon-dàta / General Data Protection Regulation (GDPR) a tha liubhairt dàta pearsanta ga liubhairt. Bidh Sabhal Mòr Ostaig, mar stiùiriche dàta, a’ cleachdadh do chuid dàta ann an diofar dhòighean.

 

Ciamar a Bhios Sinn a’ Liubhairt Do Chuid Dàta?

Tha Sabhal Mòr Ostaig a’ cumail ri a chuid dhleastanasan fo GDPR le bhith a’ cumail fiosrachadh pearsanta ùr is iomchaidh; le bhith ga ghlèidheadh is a’ cur às dha gu tèarainte; is gun a bhith a’ cruinneachadh no a’ cumail an tuilleadh ‘s a’ chòir dàta; le bhith a’ dìon dàta pearsanta ri linn caill, droch chleachdaidh, cleachdaidh gun chead is sgaoilidh agus le bhith a’ dearbhadh gu bheil dòighean teicnigeach iomchaidh an sàs airson dàta pearsanta a dhìon. Bidh sinn a’ cleachdadh do chuid dàta pearsanta air na h-adhbharan a leanas:

  • airson fios a chumail riut a thaobh nan cùrsaichean againn
  • airson fios a chumail riut a thaobh thachartasan (a leithid ceumnachd na Colaiste; Òraid an t-Sabhail)
  • airson adhbharan margaideachd
  • airson adhbharan maoineachaidh
  • airson an luchd-obrach againn a stiùireadh
  • airson na cunntasan is clàraidhean againn a ghleidheadh
  • airson adhbharan dìon ri linn eucoir, tro chleachdadh siostaman CCTV

 

Co-roinn Do Chuid Dàta Pearsanta

Bithear a’ dèiligeadh ri do chuid dàta pearsanta ann an dìomhaireachd, agus cha bhithear ga cho-roinn ach taobh a-staigh na buidhne. Cha bhi sinn a’ co-roinn do chuid dàta le buidhnean taobh a-muigh Shabhal Mòr Ostaig ach an dèidh cead bhuat fhèin fhaighinn.

 

Dè Cho Fada ‘s a Chumas Sinn an Dàta Pearsanta Agad?

Cha chùm sinn an dàta pearsanta nas fhaide na dh’fheumas sinn airson dèiligeadh leis.

 

Na Còraichean agus an Dàta Pearsanta Agad

Bidh na còraichean a leanas agad a thaobh do chuid dàta pearsanta, ach ma bhios neo-bhuailteachd ann a rèir GDPR:

  • Tha còir agad lethbhreac den dàta phearsanta agad iarraidh a tha Sabhal Mòr Ostaig a’ cumail mu do dheidhinn
  • Tha còir agad iarraidh air Sabhal Mòr Ostaig dàta pearsanta sam bith a cheartachadh ma tha e ceàrr no nach eil iomchaidh tuilleadh
  • Tha còir agad iarraidh gun tèid an dàta pearsanta agad a dhubhadh às nuair nach eil e riatanach gun cùm Sabhal Mòr Ostaig e tuilleadh
  • Tha còir agad do chead a thoirt air falbh aig àm sam bith tron phròiseas liubhairt dàta
  • Tha cead agad iarraidh air Sabhal Mòr Ostaig do chuid dàta pearsanta a thoirt dhut agus, ma tha e comasach, an dàta sin a chur gu stiùiriche dàta eile gu dìreach (‘s e seo so-ghluasadachd dàta)
  • Tha cead agad iarraidh, far a bheil deasbad a thaobh cruinneas no liubhairt do chuid dàta pearsanta, gun tèid bacadh a chur air an tuilleadh liubhairt
  • Tha cead agad cur an aghaidh liubhairt dàta pearsanta (far a bheil seo iomchaidh)
  • Tha còir agad gearan a chur an cèill aig Information Commissioners Office

 

Tuilleadh Fiosrachaidh

Ma tha an tuilleadh fiosrachaidh a dhìth ort nach cuir thu fios don Oifigear Dìon Dàta, Cairistiona NicCoinnich, 01471 888 200 or cnc.smo@uhi.ac.uk