Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Goireasan

'S e ionad air leth a th' ann an Sabhal Mòr Ostaig, stèidhichte os cionn cladach iar-dheas an Eilein Sgitheanaich, agus le goireasan a tha ga fhàgail aig cridhe Alba an latha an-diugh. Ma tha suidheachadh na Colaiste air leth, 's ann mar sin a tha a comasan cuideachd.

Cuiridh sinn fàilte air iomadh seòrsa cruinneachaidh, eadar prìomh cho-labhairtean is fèisean gu bainnsean is cuirmean prìobhaideach, agus gabhaidh sinn suas ri 250 neach. Càit' eile am b' urrainn dhut a thighinn gu co-labhairt, fois a ghabhail ann an seòmar prìobhaideach le goireasan air leth, agus an uair sin falbh air chuairt agus leumadairean-mara agus cearbanan fhaicinn?

Cuir fios thugainn airson bruidhinn air mar a chuireas sinn tachartas air leth air dòigh dhuibh fhèin.

 --}