Tha an làrach seo a' cleachdadh chriomagan. Am bu mhath leat cead a thoirt dhuinn airson criomagan a chleachdadh? Bu mhath.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh.

Home

Goireasan craolaidh is clàraidh

Stiùidio Fàs

Tha Stiùdio Fàs na shàr-stiùidio, uile-ghoireasach aig cridhe coimhearsnachd bheothail is e cuideachd na phrìomh ionad foghlaim àrd-ìre airson cuspairean nam meadhanan is an telebhisein ann an Gàidhlig. Tha Stiùdio Fàs riatanach dha trèanadh is leasachadh sgilean ann an craoladh na Gàidhlig. 'S e stiùidio uile-ghoireasach a th' ann, le gailearaidh riochdachaidh is goireasan fuaim is for-riochdachaidh. Tha an stiùidio air a ruith ann an co-bhanntachd eadar Sabhal Mòr Ostaig OGE agus MG Alba. Gheibhear barrachd fiosrachaidh air http://studio.mgalba.com/en/studio-fas.htm

Stiùidio Ostaig

Tha Stiùidio Ostaig na stiùidio clàraidh ùr proifeiseanta uidheamaichte aig ìre àrd a tha stèidhichte aig Àrainn Ostaig. Tha uidheamachd ìre a' ghnìomhachais ann an gaileiridh an stiùidio a leithid Digidesign C|24 agus teicneolas Protools agus tha an t-àite clàraidh air fear den fheadhainn as motha an Alba. Tha an stiùidio stèidhichte ann an àite a tha ann an cridhe cultar is foghlam na Gàidhlig agus a tha co-cheangailte ri goireasan na Colaiste a leithid dà àite taisbeanaidh a tha air leth math is eadar-dhealaichte, àiteachan cluiche, goireasan bidhe agus pailteas àiteachan-fuirich.

'S urrainn don luchd-ciùil a thighinn an lùib coimhearsnachd bheothail cheòlmhor, fois a ghabhail, cothrom cluiche fhaighinn agus an cuid ciùil a chruthachadh ann an àite a tha an dà chuid brèagha agus brosnachail. Gheibhear an tuilleadh fiosrachaidh aig http://www.stiuidio.co.uk/ no cuir fios gu Dr Decker Forrest air sm00df@smo.uhi.ac.uk