Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Luchd-obrach

Tha Sabhal Mòr Ostaig air cliù air leth a chosnadh airson ionnsachadh is bogadh sa chànan agus airson rannsachadh air cultar na Gàidhlig is na Gàidhealtachd.

Tha luchd-obrach an t-Sabhail Mhòir an sàs ann an rannsachadh aig an ìre as àirde, ag obair cuide ri gnìomhachasan is coimhearsnachdan air feadh Alba. Tha eòlas sònraichte aig an luchd-obrach air iomadh cuspair a leithid dealbhadh cànain is poileasaidh cànain, dualchas, leasachadh turasachd, eachdraidh na Gàidhlig is ainmean-àite Gàidhlig is Lochlannach.

Chìthear barrachd fiosrachadh mu dheidhinn cuid den luchd-obrach gu h-ìosal.

  • Carlotta Ghreumach

    Manaidsear nan Goireasan

    Tha uallach air Carlotta airson seirbheisean aoigheachd: an t-Ionad Fàilte agus seirbheisean co-labhairt, glanadh, biadh, gàraidhean is an àrainneachd mun cuairt oirnn. Tha e an urra ri Carlotta dèanamh cinnteach gun tèid dèiligeadh ri gach tachartas sa Cholaiste gu proifeiseanta agus gu h-èifeachdach, a' dèanamh cinnteach gu bheil an aoigheachd barrachd...

  • Catriona NicIain

    Stiùiriche Dioplòma anns na Meadhanan Gàidhlig

    Chuir Catriona seachad ioma bliadhna ag obair anns an meadhanan an dà chuid rèidio is telebhisean mus tàinig i gu Sabhal Mòr Ostaig bho chionn 13 bliadhna. Thairis air na bliadhnaichean bha i ag aithris air rèidio, a' nochdadh air beulaibh aon chamara agus ioma camara, a' rannsachadh, a' riochdachadh barrachd...

  • Eairdsidh MacGilleathain

    Iar-Stiùiriche an Fhoghlaim: Ionnsachadh, Teagasg & Deagh-ghnè

    Tha Eairdsidh a' gabhail uallach airson ionnsachadh agus teagasg agus Deagh-ghnè aig a' Cholaiste agus a' cur taic ri Stiùiriche an Fhoghlaim ann an raon farsaing de dh'obair acadaimigich na Colaiste. Tha e gu mòr an sàs ann a bhith a' leasachadh agus a' cur an gnìomh chùrsaichean ùra agus barrachd...

  • Eilidh Ghrannd

    Neach-taic Clàraidh

    barrachd...

  • Gabhan Mac a' Phearsain

    Òraidiche

    Tha Gabhan a' teagasg air a' chùrsa BA (le Urram) Gàidhlig agus Leasachadh agus air a' chùrsa MSc Cultar Dùthchasach agus Eachdraidh na Gàidhealtachd. 'S e na cuspairean co-cheangailte ri leasachadh dùthchail, leasachadh seasmhach, eachdraidh shòisealta agus imrich as motha tha e an sàs ann. Tha e a' dèanamh rannsachadh barrachd...

  • Gordon Wells

    Oifigear Phròiseactan

    Tha Gordon Wells ag obair airson SMO mar Oifigear Phròiseactan. Tha e stèidhichte ann an Uibhist far a bheil e an sàs ann an obair leasachaidh agus obair rannsachaidh. 'S e Guthan nan Eilean am pròiseact as motha air a bheil e ag obair - http://guthan.wordpress.com. 'S e pròiseact dà-chànanach barrachd...

  • Iain Greumach

    Neach-clàraidh is Òraidiche

    barrachd...

  • Janni Diez

    Oifigear Leasachaidh Cànain

    Tha Janni a' stiùireadh cur an gnìomh Plana agus Poileasaidh Cànain na Colaiste le bhith a' brosnachadh dhaoine gus Gàidhlig a chleachdadh fad na h-ùine, a' leasachadh cothroman ionnsachaidh don luchd-obrach, a' cruthachadh chothroman cleachdaidh, agus ag obair air poileasaidhean gus gluasad gu ruige àrainneachd Ghàidhlig. Tha Janni a' cur barrachd...

  • Maoilios Caimbeul

    Òraidiche Pàirt-ùine

    barrachd...

  • Meg Bateman

    Òraidiche

    ’S ann à Dùn Èideann a tha Meg Bateman. Dh’ionnsaich i a’ Ghàidhlig ann an Uibhist a Deas na banaltram-chuideachaidh agus aig Oilthigh Obair Dheadhain far an tug i a-mach ceum ann an Eòlas Ceilteis agus PhD ann am Bàrdachd Chlasaigich Spioradail. Sgrìobh i cùrsaichean air astar do Cholaiste Thelford barrachd...

  • Sheila M Hamilton

    Ceannard Seirbheisean Oileanach

    A’ tabhann taic, fiosrachadh is stiùireadh do dh’oileanaich air cuspairean a dh’fhaodadh buaidh a thoirt air an ionnsachadh aca mar eisimpleir; slàinte is sochairean, cianalas, taic-airgid, sgilean ionnsachaidh, dreuchdan, duilgheadasan pearsanta, ciorram is riatanasan taic a bharrachd is mar sin adhart. • To offer support, information and guidance to students barrachd...

 --}