Éadain Ní Mháille
Tuairisgeul pearsanta
Teisteanais-foghluim: BA Hons. (Oilthigh Nàiseanta na hEireann 1975), Diploma Nàiseanta Teagaisc (Colaisde Naomh Pàdraig 1976 )
Thill mi a dh’Alba bho chionn trì bliadhna an déidh 20 bliadhna thall thairis a’ togail cóignear chloinne le Gàidhlig mar chànan an teaghlaich. An-diugh tha Gàidhlig, Eadailtis agus Beurla aca uile gu fileanta, agus Fraingis aig ceathrar dhiubh.
Tha eòlas farsaing agam air ceithir siostaman-sgoile (Éirinn, Alba, an Eadailt, is na Sgoiltean Eòrpach) agus foghlam-inbheach, a’ cur an sàs diofar chànanan ann an iomadach suidheachadh a thaobh cànain agus cultair.
’S iomadh oileanach – bho chlann bun-sgoile gu inbhich aig àrd-ìre nan dreuchd – a thàinig orm a theagasg no a mheas, agus b’ fheudar dhomh ionnsachadh sin a dhèanamh a dh’aindeoin aoise, nàiseantachd, cànain, neo cultair.
Tha Beurla, Gàidhlig, Fraingis, agus Eadailtis gu fileanta agam, Gearmailtis agus Gàidhlig Èireannach math gu leòr, agus beagan Duidsis agus Cuimris.