Proifeasair Boyd Robasdan
Tuairisgeul pearsanta
‘S e Proifeasair Boyd Robasdan Prionnsabal Sabhal Mòr Ostaig. Buinidh e do dh’Uibhist a Tuath agus a’ Ghàidhlig aige bhon ghlùin. An dèidh ceum Ceiltis fhaighinn aig Oilthigh Obar Dheathain, rinn e cùrsa trèanaidh ann an teagasg Gàidhlig san àrd-sgoil ann an Colaiste Foghlaim Obar Dheathain. Rinn e teagasg ann an Àrd-sgoil an Òbain fad 10 bliadhna far an deach a dhreuchd àrdachadh mar Phrionnsabal na Gàidhlig. Ann an 1982 chaidh fhastadh mar Òraidiche Gàidhlig aig Colaiste Foghlaim Chnoc Iòrdain ann an Glaschu le dleastanas airson tidsearan Gàidhlig a thrèanadh. Chaidh e na Àrd-òraidiche nuair a chaidh Colaiste Chnoc Iòrdain aonadh le Oilthigh Shrath Chluaidh ann an 1993. Thòisich e san dreuchd mar Phrionnsabal Sabhal Mòr Ostaig san Fhaoilleach 2009.
Tha eòlas farsaing aige air dealbhadh is solarachadh chùrsaichean is ghoireasan do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig. Cho-sgrìobh e an cùrsa Teach Yourself Gaelic agus cho-dheasaich e TY Gaelic Dictionary. Bha e na Stiùiriche air Pròiseact Ionnsachaidh na Gàidhlig Abair E, a stèidhich cùrsa adhartach ioma-mheadhain do luchd-ionnsachaidh anns na ciad ceithir bliadhnaichean den àrd-sgoil agus bha e na Phrìomh Chomhairliche Cànain air na ceithir sreathan de Speaking Our Language le STV. Tha e air grunn altan a sgrìobhadh air foghlam Gàidhlig ann am foillseachaidhean a leithid Scottish Education, The Other Languages of Europe, Voces Diversae agus Revitalising Gaelic in Scotland agus sgrìobh e The Gaelic Language in Education in the UK airson a’ phròiseict Eòrpaich Mercator.
Tha e na chathraiche air a’ Chomataidh Stiùiridh eadar-oilthighean Faclair na Gàidhlig, Panal Sgrùdaidh na Gàidhlig - Ùghdarras Teisteanasan na h-Alba agus air bòrd buidheann nan ealain Ghàidhlig an Glaschu, An Lòchran. Bha e na bhall air Bòrd na Gàidhlig, a’ chiad bhuidheann leasachaidh Gàidhlig aig an Riaghaltas, na Iar-chathraiche air Comunn na Gàidhlig agus na Chathraiche air Comhairle nan Leabhraichean.