Cairistiona Walker
Tuairisgeul pearsanta
Tha Cairistiona Walker air a bhith na ball air a’ Bhòrd bho 2009. Rugadh agus thogadh i ann an eilean Leòdhais agus is i a’ Ghàidhlig a ciad cànan. Fhuair i oideachadh àrd-sgoile ann an Sgoil MhicNeacail ann an Steòrnabhagh agus chaidh i air adhart gu ceum ann an Gàidhlig agus Frangais bho Oilthigh Obar Dheathain. Rinn Cairistiona trèanadh teagasg àrd-sgoile anns an dà chànan agus anns a’ bhliadhna 2000, bha i na meadhan air Gàidhlig a stèidheachadh anns an àrd-sgoil ann an Comhairle Obar Dheathain, gus am biodh foghlam leantainneach aig a’ chloinn a bha i air teagasg greis sa bhun-sgoil mar phàirt de leasachadh proifeiseanta pearsanta airson tùs thrèanadh luchd-teagaisg.
An dèidh a bhith ag obair ann an Colaist’ a’ Chinn a Tuath bho 1994, chaidh a fasdadh mar òraidiche làn-ùine ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig aig Oilthigh Obar Dheathain ann an 2002 agus bhon uairsin tha i air a bhith an sàs gu daigheann ann an tùs thrèanadh agus leasachadh proifeiseanta leantainneil luchd-teagaisg Gàidhlig gach cuid bun-sgoile agus àrd-sgoile. Tha Cairistiona an sàs cuideachadh anns a h-uile leasachadh a thaobh foghlam Gàidhlig a tha a’ gabhail àite ann an Roinn an Fhoghlaim ann an Oilthigh Obar Dheathain agus ann an choimhearnachd an oilthigh agus ann an iomadh iomairt nàiseanta co-cheangailte ri foghlam Gàidhlig.