Catriona NicIain
Stiùiriche Dioplòma anns na Meadhanan Gàidhlig
Tuairisgeul pearsanta
Chuir Catriona seachad ioma bliadhna ag obair anns an meadhanan an dà chuid rèidio is telebhisean mus tàinig i gu Sabhal Mòr Ostaig bho chionn 13 bliadhna. Thairis air na bliadhnaichean bha i ag aithris air rèidio, a' nochdadh air beulaibh aon chamara agus ioma camara, a' rannsachadh, a' riochdachadh agus a' stiùireadh. Chuir i seachad ùine ag obair aig BBC Rèidio nan Gàidheal, STV, companaidhean neo-eisimileach agus Telebhisean Grampian. Tha i fhathast an sàs ann an obair telebhisean na h-ùine fhèin nuair a nochdas an cothrom. Mar is trice 's ann a' leasachadh bheachdan airson phrògraman, a' rannsachadh airson phrògraman agus a' toirt taic a thaobh sgrìobhadh sgriobt a bhios i.
Tha i na stiùiriche cùrsa air an Dioplòma anns na Meadhanan Gàidhlig aig a' Cholaiste. Am measg na tha an sàs na dreuchd tha i a' cur clàr-ama a' chùrsa ri chèile bho bhliadhna gu bliadhna, a' fastadh luchd-teagaisg iomchaidh agus a' dèanamh rianachd a' chùrsa. Tha i an sàs gach seachdain ann an dòigh air choireigin leis na h-oileanaich, a' toirt taic is comhairle nuair a tha fuem air agus tha i a' teagasg nan cuspairean Conaltradh Gàidhlig anns na Meadhanan, Rannsachadh airson Telebhisean agus a' dèanamh beagan cuideachd a thaobh Riochdachadh airson Telebhisean.Tha i a' toirt taic air cùrsaichean eile le bhith a' teagasg pàirt de Chonaltradh anns na Meadhanan, Gàidhlig B1 agus Na Meadhanan 1. Tha i na ball de Chomataidh Deagh-ghnè (QAC) na colaiste.