Tha an làrach seo a' cleachdadh chriomagan. Am bu mhath leat cead a thoirt dhuinn airson criomagan a chleachdadh? Bu mhath.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh.

Home

Dùghlas MacAmhlaigh


Dùghlas MacAmhlaigh

Tuairisgeul pearsanta

Chuir Dùghlas 10 bliadhna seachad cuide ri a dhà de na sia companaidhean mòra mar cheannard roinne agus a’ speisealachadh ann an Ath-bheothachadh is Cobhair do Ghnìomachasan, an dèidh ceumnachadh mar chunntasair clàraichte. Dh’fhàg e an Roinn Neo-eisimeileach airson beagan bhliadhnachan a chur seachad aig ìre Stiùiridh agus Ceannaird ann an gnìomhachas mus do chuir e a chompanaidh fhèin air bhonn o chionn fichead bliadhna, a bha an sàs ann an Seilbh, Innleadaireachd is Cùram-chloinne.

Anns na beagan bhliadhnachan a dh’fhalbh, tha e air grunn chompanaidhean a leigeil dheth ach tha còrr is 90 luchd-obrach air thuarastal aige fhathast.

Tha Dùghlas às Uibhist a Tuath is a’ Ghàidhlig aige bhon ghlùin agus tha e pòsta is a’ fuireach ann an Glaschu.