Gabhan Mac a' Phearsain
Òraidiche
Tuairisgeul pearsanta
Tha Gabhan a' teagasg air a' chùrsa BA (le Urram) Gàidhlig agus Leasachadh agus air a' chùrsa MSc Cultar Dùthchasach agus Eachdraidh na Gàidhealtachd. 'S e na cuspairean co-cheangailte ri leasachadh dùthchail, leasachadh seasmhach, eachdraidh shòisealta agus imrich as motha tha e an sàs ann.
Tha e a' dèanamh rannsachadh gu sònraichte air ceanglaichean agus coimeas eadar Gàidhealtachd na h-Alba agus Nirribhidh. O chionn ghoirid air bliadhna shàbaideach rinn e sgrùdadh air a' bhirlinn Ghàidhealaich bho òrain agus bàrdachd, ga coimeas ri bàtaichean tradaiseanta Nirribheach. Tha e cuideachd air tràchdas MPhil a sgrìobhadh air dè chumas croitearan ri croitearachd, an coimeas ri tuathanaich bheaga ann an Nirribhidh.
Tha e an sàs anns na cuspairean seo gu pragtaigeach, mar chroitear, mar chlèireach baile agus mar bhall den bhòrd-stiùiridh air pròiseact 'Am Bàta' a tha cruinneachadh cultar na mara agus a' toirt sgilean togail-bhàtaichean do òigridh.
Cuspairean rannsachaidh
Cleachdadh fearainn, Leasachadh dùthchail, A' Bhirlinn agus tradaisean bhàtaichean ann an Alba agus Nirribhidh
Coileanasan
Foillseachadh
Cleachdadh Fearainn air Iomall a' Chuain Siar: a bheil tradaisean ri lorg? ann an Cox, RAV (deas) Dualchas agus an Àrainneachd, Clò Ostaig 2009
Pàipearan
A Comparative study of Different Approaches to Land Use, pàipear air a thoirt seachad aig Co-labhairt Rannsachaidh OGE, Inbhir Nis 2006
Cleachdadh Fearainn air Iomall a' Chuain Siar: a bheil tradaisean ri lorg?, pàipear air a thoirt seachad aig Co-labhairt Dualchas agus an Àrainneachd, Sabhal Mòr Ostaig, an t-Ògmhios 2007
Gaelic Bards and Nordic Rigs, òraid aig Fèis Tharscabhaig 2009
Ceum M Phil ga dhèanamh an-dràsta
(pàirt ùine, clàraichte 2005, ag amas air crìochnachadh toiseach 2010)
North West Scotland and Norway: A comparative study of different approaches to land-use as rural development in areas which are similar geographically
Amas - Sgrùdadh a dhèanamh air dè am pàirt a th' aig àiteachas ann an seasmhachd choimhearsnachdan dùthchail, agus sùil a thoirt air dè na factairean a dh'fhaodadh am pàirt sin a neartachadh. Chaidh sgìre a thaghadh san Eilean Sgitheanach agus ann an taobh an iar Nirribhidh airson sgrùdadh coimeasach.