Tha an làrach seo a' cleachdadh chriomagan. Am bu mhath leat cead a thoirt dhuinn airson criomagan a chleachdadh? Bu mhath.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh.

Home

Gordon Wells

Oifigear Phròiseactan


Tuairisgeul pearsanta

Tha Gordon Wells ag obair airson SMO mar Oifigear Phròiseactan. Tha e stèidhichte ann an Uibhist far a bheil e an sàs ann an obair leasachaidh agus obair rannsachaidh. 'S e Guthan nan Eilean am pròiseact as motha air a bheil e ag obair - http://guthan.wordpress.com 'S e .pròiseact dà-chànanach a th' ann, a tha ag amas air cuideachadh a thoirt do luchd-ionnsachaidh sa chiad àite, ach cuideachd do dhaoine a tha fileanta mar-thà ach a tha airson an cuid misneachd agus sgilean àrdachadh. Bidh Gòrdan ag obair gu dlùth le colaistean eile san Roinn-Eòrpa air pròiseactan eadar-nàiseanta leithid "POOLS" is "TOOLS" - http://www.languages.dk - agus tha e cuideachd an sàs ann an rannsachadh le Soillse - http://www.soillse.ac.uk