Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Iain Tormod MacLeòid


Iain Tormod MacLeòid

Tuairisgeul pearsanta

Ceannard an Fhoghlaim agus Iar-Phrionnsabal Sabhal Mòr Ostaig (SMO). Buinidh Iain Tormod don Eilean Sgitheanach agus chaidh fhastadh na òraidiche ann an Eòlas air a’ Ghàidhealtachd ann an 1983 an dèidh dha eachdraidh a theagasg ann an Àrd-sgoil a’ Phluic agus chaidh e na Cheannard an Fhoghlaim ann an 1987.

Tha e air a bhith na cho-òrdanaiche air Sgeama na Gàidhlig is Chuspairean Co-cheangailte aig OGE bho 1998, a’ lìbhrigeadh chùrsaichean fo-cheum agus iar-cheum na Gàidhlig, agus bha e na Cheannard Lìon Chuspairean OGE airson na Gàidhlig is Chànanan eile eadar 2003 agus 2010. Tha e na bhall air na comataidhean a leanas aig OGE - Buidheann-gnìomha Mòr-roinn Eòlas Daonnachd is na Gàidhlig, Comataidh na Gàidhlig, Comataidh Planadh na Gàidhlig agus Comataidh Ionnsachaidh, Teagaisg is Deagh-ghnè.

Tha e na bhall air Còmhlan Stiùiridh SMO agus a’ Bhòrd Stiùiridh agus na chathraiche air caochladh chomataidhean foghlaim aig a’ Cholaiste. Tha e air a bhith na bhall air comataidhean eagrachaidh air grunn cho-labhairtean agus air òraidean co-labhairt a thoirt seachad agus na bhall air mòran chomataidhean taobh a-muigh na colaiste, co-cheangailte ris a’ Ghàidhlig agus cothroman ùra ann am foghlam. Tha e na bhall air Buidheann Sàr-mhaitheas na Gàidhlig aig Riaghaltas na h-Alba.