Janni Diez
Oifigear Leasachaidh Cànain
Tuairisgeul pearsanta
Tha Janni a' stiùireadh cur an gnìomh Plana agus Poileasaidh Cànain na Colaiste le bhith a' brosnachadh dhaoine gus Gàidhlig a chleachdadh fad na h-ùine, a' leasachadh cothroman ionnsachaidh don luchd-obrach, a' cruthachadh chothroman cleachdaidh, agus ag obair air poileasaidhean gus gluasad gu ruige àrainneachd Ghàidhlig.
Tha Janni a' cur thachartasan Gàidhlig air dòigh ann an co-obrachadh leis na h-oileanaich gus am bi e nas fhasa dhaibh Gàidhlig a bhruidhinn gu sòisealta. Bidh i a' stiùireadh soillearachadh feallsanachd na Colaiste do dh'oileanaich agus luchd-obrach ùr gus bun-stèidh a chruthachadh airson àrainneachd anns am bi a h-uile duine cofhurtail agus misneachail gus Gàidhlig a bhruidhinn.