Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Maoilios Caimbeul

Òraidiche Pàirt-ùine


Seirbheisean gan tairgsinn

Tha Maoilios Caimbeul ag obair mar oide pàirt-ùine dha SMO agus am-bliadhna san dàrna seameastar bidh e a' teagasg dà mhodal, aon aig a' Cholaiste agus aon air astar: Sgrìobhadh Cruthachail aig a' Cholaiste agus Nuadh Litreachas: Sgilean Sgrùdaidh is Cruthachail air astar. Tha e ag obair air a cheann fhèin mar sgrìobhaiche agus bidh e a' gabhail os làimh diofar sheòrsachan sgrìobhaidh, mar a gheibh e an cothrom. An leabhar as ùire a thàinig bhuaithe 's e 'Island Conversion' air a cho-sgrìobhadh le a mhnaoi Mairead agus a tha ag innse mar a chaidh iompachadh chun a' chreideimh Chrìosdail. Tha Maoilios a' fuireach ann am Flòdaigearraidh, Stafainn agus tha e na bhall de Urras Baile Fhlòdaigearraidh a tha a' co-obrachadh le SMO gus cùrsaichean goirid a lìbhrigeadh san sgìre agus a' strì gus dualchas an Taoibh Sear a dhaingneachadh. Gheibhear barrachd fiosrachaidh air an làraich-lìn aige www.maoilioscaimbeul.co.uk