Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Meg Bateman

Òraidiche


Tuairisgeul pearsanta

’S ann à Dùn Èideann a tha Meg Bateman. Dh’ionnsaich i a’ Ghàidhlig ann an Uibhist a Deas na banaltram-chuideachaidh agus aig Oilthigh Obair Dheadhain far an tug i a-mach ceum ann an Eòlas Ceilteis agus PhD ann am Bàrdachd Chlasaigich Spioradail. Sgrìobh i cùrsaichean air astar do Cholaiste Thelford airson Gàidhlig aig ire “O” agus “H” agus thòisich i air teagasg pàirt-thìde aig Oilthigh Dhùn Èideann. Ann an 1991 thill i a dh’Obar Dheadhain far an robh i a’ teagasg litreachas, beul-aithris is teangeòlas ann an Roinn na Ceiltis.

Thòisich i aig Sabhal Mòr Ostaig ann an 1998 le cùrsaichean caran diofraichte - Cànan, Cultar is Cinnidheachd, Feallsanachd, Sgoilearachd is Eilthireachd, agus Tuigse nan Ceilteach - a bharrachd air Litreachas, agus cùrsaichean do Cultural Studies agus MLitt ann an Litreachas na Gàidhealtachd. Taobh a-muigh an teagaisg, tha i an sàs ann an obair stiùiridh for-cheumannan, ann an deasachadh agus eadar-theangachadh, agus ann an rannsachadh litreachais agus ealain na Gàidhealtachd. Tha i air grunn artaigealan agus leabhraichean fhoillseachadh, nam measg, trì cruinneachaidhean den bhàrdachd aice fhèin.