Tha an làrach seo a' cleachdadh chriomagan. Am bu mhath leat cead a thoirt dhuinn airson criomagan a chleachdadh? Bu mhath.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh.

Home

Murchadh Caimbeul


Murchadh Caimbeul

Tuairisgeul pearsanta

Rugadh Murchadh Caimbeul agus thogadh e an am baile Phortnalong anns an Eilean Sgitheanach. Chaidh e gu bun-sgoil sa sgìre agus as dèidh sin gu Àrd Sgoil Phort Rìgh. Tha Gàidhlig na Hearadh aige os chionn gur ann às a sin a thàinig a phàrantan.

Thòisich Murchadh a bheatha-obrach ann an Inbhir Nis còmhla ri companaidh Ameriganach a bha reic stuthan a bha cho eadar dhealaichte bho chèile. Rinn e HND ann a malairt aig a' cholaiste ann an Inbhir Nis. An dèidh sin ghluais e gu obraichean eile taobh a-staigh a' chompanaidh agus bha e ag obair air feadh Alba. Airson nan sia bliadhna deug mu dheireadh leis a' chompanaidh bha e na mhanadsair ann an Inbhir Nis. Fhuair e obair an uair sin le Praban na Linne ann an Slèite airson tri bliadhna. Ghluais e air ais a dh'Inbhirnis ann an 1999 agus thòisich e air a cheann fhèin a reic biadh agus deoch, rud a tha e a dèanamh chun a latha diugh. Tha Murchadh cuideachd a' riuth taigh-osta.