Nicola NicThòmais
Ceannard Ghnothaichean Corporra
Tuairisgeul pearsanta
Tha uallach ormsa airson gnothaichean sgiobachd agus corporra na Colaiste.
Tha seo a’ gabhail a-steach trusadh, leasachadh agus stiùireadh luchd-obrach; leasachadh agus ùrachadh phoileasaidhean agus mhodhan-obrach; leasachadh shiostaman conaltraidh agus stiùiridh an luchd-obrach agus ag obair air leasachaidhean agus rianachd chorporra.
Tha mi cuideachd nam rùnaire dhan Bhòrd Stiùiridh.
Tha mi a’ riochdachadh Sabhal Mòr air a’ bhuidhinn An Sgeul Mòr.