Tha an làrach seo a' cleachdadh chriomagan. Am bu mhath leat cead a thoirt dhuinn airson criomagan a chleachdadh? Bu mhath.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh.

Home

Ruaraidh Iain MacLeòid

Cathraiche


Ruaraidh Iain MacLeòid

Tuairisgeul pearsanta

Rugadh is thogadh Ruaraidh Iain MacLeòid anns an Eilean Sgitheanach. Chaidh e a Sgoil Phort nan Long agus a dh’Àrd-Sgoil Phort Rìgh. An dèidh an sgoil fhàgail thug e a-mach ceum ann an lagh aig Oilthigh Dhùn Èideann agus tha e an-diugh na shiorram agus na Iar-Chathraiche air Cùirt an Fhearainn (Scottish Land Court).

A bharrachd air a bhith an sàs anns an lagh, tha Ruaraidh Iain air a bhith an sàs gu mòr ann an gnothaichean craolaidh Gàidhlig agus chuir e seachad dà bhliadhna ag obair làn-ùine dhan BhBC. Tha ùidh àraidh aige ann an dòigh-riaghlaidh na colaiste agus ciamar is fheàrr sin a dhealbh agus a leasachadh gu math nan oileanach agus adhbhar na Gàidhlig anns na bliadhnaichean a tha romhainn.

Tha sibh di-beathte gnothach sam bith a bhuineas dhan cholaiste a thogail le Ruaraidh Iain le fios a chur gu .(JavaScript must be enabled to view this email address)