Sìne Ghilleasbuig

Tuairisgeul pearsanta
Rugadh Sìne ann an Leòdhas; bha a màthair à Leòdhas agus a h-athair à Ìle. Tha i air a bhith a’ fuireach san Eilean Sgitheanach airson deich air fhichead bliadhna, cuid dhiubh sin ag obair aig Eilean Iarmain do Shir Iain Nobail a chuir Sabhal Mòr Ostaig air bhonn. Tha i ag obair do Chomunn na Gàidhlig mar Oifigear Òigridh is Coimhearsnachd, mar phàirt den iomairt, Lasair. Tha ceum aice bhon t-Sabhal Mhòr ann an Cànan is Cultar. Tha Sìne na stiùiriche air Urras Coimhearsnachd an Taobh Sear agus Urras Leabhraichean nan Eilean, agus cuideachd na ball air bòrd Cleas Earranta, an carthannas ealain.