Ceangal air ais gu duilleag dachaigh na làraich  Dachaigh Oileanaich & Luchd-Obrach | Seòlaidhean | Clàr na Làraich | Stòr–dàta Briathrachais | Read in ENGLISH |
Dealbhan beaga air toglaichean na Colaiste, oileanaich agus luchd-obrach   
DACHAIGH
A' CHOLAISTE
CÙRSAICHEAN
GOIREASAN
AN LEABHARLANN
CARAIDEAN
GÀIDHLIG AIR AN LÌON
    Dachaigh » A' Cholaiste:

A' CHOLAISTE
Àrainn na Colaiste
Eachdraidh
Sùil air adhart
Cultar & na h-Ealain
Stiùireadh na Colaiste
Luchd-Dàimh
ICT
Institiùd OGE nam
Mìle Bliadhna

Cothroman Obrach

 
Cothroman Obrach aig Sabhal Mòr Ostaig
Dealbh air neach-obrach aig Ionad-fàilte an t-Sabhail'S e sàr-ionad ionnsachaidh a th' ann an Sabhal Mòr Ostaig agus an aon cholaiste Ghàidhlig an Alba. Tha a' Cholaiste a' tabhann prògram de chùrsaichean adhartach, bho fhoghlam leantainneach gu cùrsaichean ceuma agus for-cheuma. Tha cùrsaichean cuideachd gan tabhann aig Ionad Chaluim Chille Ìle, a tha fo stiùir na Colaiste, ann an Ìle. Tha Sabhal Mòr Ostaig na phàirtiche ann an Institiùd OGE nam Mìle Bliadhna agus 's e a tha a' treòrachadh chàich ann an Sgeama na Gàidhlig is Chuspairean Co-cheangailte.

Tha a' Cholaiste ann an Slèite anns an Eilein Sgitheanach agus 's i am fastaiche as motha ann an ceann a deas an eilein. Aig a cheart àm, tha mu 60 neach-obrach làn-thìde agus mu 80 neach-obrach pàirt-thìde gam fastadh.

Bidh a' Cholaiste a' cur a làn thaic ri leasachadh proifeiseanta an luchd-obrach. Tha farsaingeachd chothroman ann airson leasachadh luchd-obrach: trèanadh, cothroman rannsachaidh is sgoilearachdan nam measg. Faodaidh luchd-obrach pàirt a ghabhail ann am prògraman leasachaidh a tha gan ruith le Institiùd OGE nam Mìle Bliadhna cuideachd.

Chaidh inbhe Creideas nar Cosnaichean agus Scottish Quality Management System a bhuileachadh air a' Cholaiste. Tha Co-Ionnanachd Chothroman aig cridhe Sabhal Mòr Ostaig agus cuirear fàilte air iarrtais bho gach roinn den choimhearsnachd.

Logo PDF agus ceangal gu Poileasaidh Co-ionnanachd Chothroman (PDF 62 KB) Poileasaidh Co-Ionnanachd Chothroman (62 KB)

Logo PDF agus ceangal gu Sgeama Ciorram Co-Ionnanachd (PDF 100 KB) Sgeama Ciorram Co-Ionnanachd (100 KB)

Logo PDF agus ceangal gu Sgeama Ciorram Co-Ionnanachd-plana-gnìomha (PDF 27 KB) Sgeama Ciorram Co-Ionnanachd-plana-gnìomha (27 KB)

Logo PDF agus ceangal gu Poileasaidh Ciorraim (PDF 48 KB) Poileasaidh Ciorraim (48 KB)



Neach-taic Ionmhais is Rianachd
c. £15k pro rata - fòrladh màthaireil - 9 mìosan

Tha Sabhal Mòr Ostaig a’ sireadh neach-taic a chuireas ri
obair laitheil an Oifi­s Ionmhais is Rianachd.

Bidh sibh fi­leanta sa Ghàidhlig, le sgilean math rianachd,
eòlas air Excel agus bidh sibh mionaideach nur dòighean-
obrach.  Bhiodh eòlas air SAGE feumail ach thèid trèanadh
a thabhann.

Tha Sabhal Mòr Ostaig a‘ tairgsinn foghlaim, trèanaidh
agus rannsachaidh tro mheadhan na Gàidhlig agus a’ cur
air adhart leasachaidhean sòisealta, dualchasach agus
eaconamach.

Airson pasgan ­fiosrachaidh cuiribh fi­os gu:
Nicola NicThòmais air 01471 888 301 no sm00na@uhi.ac.uk

Iarrtasan ri bhith a-staigh ro:  Dihaoine 19 Am Màrt 2010

Bidh agaibh ri dhol tro sgrùdadh Disclosure Scotland
Tha co-ionannachd aig cridhe Shabhal Mòr Ostaig

Logo PDF agus ceangal gu Poileasaidh Ciorraim (PDF 48 KB) Tuairisgeul Obrach

Logo PDF agus ceangal gu Poileasaidh Ciorraim (PDF 48 KB) Sonrachadh Pearsa

 

SOILLSE
Proifeasair Rannsachaidh: Planadh & Poileasaidh na Gàidhlig

Tha am post ùr seo aig àrd-ìre acadaimigeach na chothrom mìorbhaileach a bhith a’ stiùireadh rannsachadh poileasaidh is planadh na Gàidhlig, agus an rannsachadh seo a chur air adhart aig na h-ìrean eadar-nàiseanta as àirde.

Airson pasgan fiosrachaidh cuiribh fios gu:
Nicola NicThomais - 01471 888 301 no sm00na@uhi.ac.uk

Bidh agaibh ri dhol tro sgrùdadh Disclosure Scotland
Tha co-ionnanachd aig cridhe Shabhal Mòr Ostaig

Logo PDF agus ceangal gu Poileasaidh Ciorraim (PDF 48 KB) Tuairisgeul Obrach

 

 





Gheibhear Foirm Iarrtais Obrach ann an dà chruth, RTF agus PDF. Deasachaidh, sàbhalaidh agus clò-bhualaidh a' chuid as motha de choimpiutairean foirm RTF. Gabhaidh foirm PDF a chlò-bhualadh agus a lìonadh le làimh-sgrìobhaidh.

Logo PDF agus ceangal go Foirm Iarrtais Obrach (PDF 297 KB) Foirm Iarrtais Obrach (PDF 297 KB)

RTF LogoFoirm Iarrtais Obrach (RTF)

Cumaibh sùil air an duilleig seo - bidh sanasan-obrach na Colaiste a' nochdadh air bho àm gu àm. Mar as trice bidh na sanasan a' nochdadh sa Phàipear Bheag agus Gasaet Steòrnabhaigh cuideachd.

 

Sabhal Mòr Ostaig, Slèite, An t-Eilean Sgitheanach, Alba IV44 8RQ Fòn: +44 (0) 1471 888 000 Post-dealain
A' Cholaiste   |   Cùrsaichean   |   Goireasan   |   An Leabharlann   |   Caraidean   |   Gàidhlig air an Lìon |   Saorsa Fiosrachaidh
Oileanaich & Luchd-Obrach   |   Seòlaidhean   |   Clàr na Làraich   |  An Stòr-data Briathrachais  |  Read in ENGLISH