Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Plana is Poileasaidh Cànain

Àrainneachd Ghàidhlig aig Cridhe na Coimhearsnachd

'S e àite sònraichte a th' ann an Sabhal Mòr Ostaig.  A bharrachd air colaiste Ghàidhlig 's e gnìomhachas Gàidhlig a th' ann cuideachd.  Bidh sinn a' tabhann chùrsaichean tarraingeach, inntinneach tro mheadhan na Gàidhlig, ach a bharrachd air sin, bidh sinn a' cruthachadh àrainneachd gu tur Gàidhlig an seo aig a' Cholaiste, far an tèid a' Ghàidhlig a bhruidhinn leis a h-uile duine fad an latha mar chànan làidir beothail.


Tha Poileasaidh Cànain aig Sabhal Mòr Ostaig a tha airson dearbhadh gun cleachd a h-uile duine a' Ghàidhlig cho math 's as urrainn dhaibh fad na h-ùine. Tha sinn an seo airson math na Gàidhlig gus an cànan againn a neartachadh mar chànanan làidir beòthail an latha an-diugh. Cleachdaidh tu a' Ghàidhlig anns na clasaichean, ach cuideachd fad an latha air feadh na Colaiste:  bho cheannachd stampaichean, cleachdadh an leabharlainn gu spòrs agus bruidhinn ri caraidean. Cha bhi a h-uile duine làn fhileanta nuair a ruigeas iad, agus bidh feadhainn cleachdte ri bhith a' bruidhinn na Beurla ri chèile, agus bidh aca ri tionndadh gu Gàidhlig.  Ach gach bliadhna, thig oileanaich dhan Cholaiste, luchd-ionnsachaidh agus fileantaich bruidhnidh iad Gàidhlig ri chèile agus thig an cuid Gàidhlig air adhart gu mòr.


Bidh an t-Oifigear Leasachaidh Cànain againn ag obair gu dlùth leis na h-oileanaich gus taic a thoirt dhaibh am Poileasaidh Cànain a chur an gnìomh. A-nis tha Plana Cànain againn cuideachd a bhios gar cuideachadh gus am poileasaidh a chur an gnìomh. Tha sinn moiteil gu bheil Plana Cànain cho làidir agus cho adhartach againn agus gu bheil sinn le sin a' cruthachadh àite a tha a' dìon na Gàidhlig agus àite anns am bi daoine cofhurtail agus misneachail gus Gàidhlig a bhruidhinn gu làitheil san obair agus ann am beatha nan oileanach. A bharrachd air sin bidh gach oileanach ag aontachadh ri Cùmhnant Gàidhlig na Colaiste agus a' gealltainn gum bruidhinn iad a' Ghàidhlig bho mhoch gu dubh. Tha còir aig oileanaich Sabhal Mòr Ostaig a bhith an dùil ri àrainneachd gu tur Gàidhlig. Bidh sinn uile ag obair còmhla agus a' cruthachadh na coimhearsnachd Gàidhlig againn mar sgioba, ag ionnsachadh na Gàidhlig còmhla ri chèile agus a' cleachdadh Gàidhlig mar bu chòir, mar chànan ar colaiste Ghàidhlig, ar cultair agus ar dùthcha.


Gabh pàirt ann am beatha bheothail Ghàidhlig aig Ionad Nàiseanta na Gàidhlig!

http://www.smo.uhi.ac.uk/images/uploads/pdf.gif Plana na Gàidhlig

http://www.smo.uhi.ac.uk/images/uploads/pdf.gif  Poileasaidh na Gàidhlig

 --}