Gairm-maoineachaidh 40 Bliadhna
Tha Urras Leasachaidh Sabhal Mòr Ostaig a’ foillseachadh Gairm-maoineachaidh 40 Bliadhna an t-Sabhail airson taic a chumail ris a’ cholaiste, is i an t-aon ionad foghlaimadhartach is àrd-ìre anns an t-saoghal a tha a’ liubhairt a chuid chothroman ionnsachaidh,cultarail is rannsachaidh tro mheadhan na Gàidhlig.
Cha bhitheadh Sabhal Mòr Ostaig air a chiad amasan a choileanadh airson cothroman foghlaim is eaconamach nan Gàidheal a leasachadh agus cothroman ionnsachaidh air a’ Ghàidhlig is a cultar a sgaoileadh mura b’ e dìlseachd is saothair a chuid luchd-obrach is oileanach, agus taic nan seann oileanach is nan caraidean air feadh an t-saoghail.
Tha an t-Urras a’ sireadh dhòighean innleachdach air co-obrachadh le luchd-taic na Gàidhlig is a cultair, agus tha e airson a bhith na mheadhan anns an gabh daoine, companaidhean, comainn, urrasan is ionadan an sàs ann a bhith a’ toirt taic dhan cholaiste. Bu mhath leinn iarraidh air daoine air feadh an t-saoghail a tha bàidheil ris a’ Ghàidhlig is a cultar is a tha airson a glèidheadh do na ginealaichean ri teachd an cuid taic a chur ris a’ Ghairm-mhaoineachaidh seo a bheir cuideachadh do dh’obair dheatamach Sabhal Mòr Ostaig.
Feumaidh a’ cholaiste mu 47% de a cosgaisean bliadhnail a thogail dhi fhèin a chionn ’s gu bheil i na charthannas clàraichte, mar sin, tha ur taic nas fheumaile na bha e riamh.
Prìomhachasan
Tha an t-Urras airson cur ris an taic air leth a tha Sabhal Mòr Ostaig air fhaighinn thar an dà fhichead bliadhna bho chaidh a stèidheachadh agus airson coimhearsnachd eadar-nàiseanta a chur ri chèile anns am bitheadh seann oileanaich, luchd-taic agus caraidean.
Tha sinn ag iarraidh taic leis na prìomhachasan seo gu sònraichte:
- Maoin Sgoilearachd nan Oileanach
- Tochradh nan Cathraichean Foghlaim is nan Caidreachasan Rannsachaidh
- An Leabharlann is na Cruinneachaidhean Eachdraidheil
- Leasachadh nan Ealain – Ceòl, sgrìobhadh, dràma is ealain lèirsinneach na Gàidhlig
- Iomairtean Cruthachail, Cultarail is Sòisealta
- Leasachadh Seirbheisean nan Seann Oileanach
- Leasachadh na Cille Bige: Goireasan Spòrs is Cur-seachad; Ath-leasachadh Àrainn Ostaig; Goireasan co-labhairt; agusTaigheadas