Tha an làrach seo a' cleachdadh chriomagan. Am bu mhath leat cead a thoirt dhuinn airson criomagan a chleachdadh? Bu mhath.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh.

Home

Cumail Taic Rinn

Mòran taing airson ar cuideachadh.

Tha Urras Leasachaidh Sabhal Mòr Ostaig taingeil taic fhaighinn bho dhaoine fa leth, companaidhean, urrasan, co-chomainn is buidhnean eile a tha airson a’ cholaiste a chuideachadh agus airson a’ Ghàidhlig is a cultar a dhìon do na ginealaichean ri teachd.

Chithear stiùireadh anns an fhiosrachadh a leanas air ciamar as urrainn dhuibh taic a chur rinn:


1. Faodar TABHARTASAN GUN CHÙMHNANT  a thoirt don Urras Leasachaidh ann an aon iomlaid airgid no mar shreath de iomlaidean cunbhalach airson cur ri amasan coitcheann nacolaiste.

2. Faodar TABHARTASAN LE CÙMHNANT a thoirt don Urras Leasachaidh ann an aon iomlaid no mar shreath de iomlaidean cunbhalach a shònraicheas pròiseact no roinn shònraichte don tèid am maoineachadh.

3. Faodar DÌLEABAN fhàgail don Urras Leasachaidh, gun chùmhnant no le cùmhnant, airson roinnean no pròiseactan sònraichte anns a’ cholaiste.


4. Faodar tabhartasan a thoirt do MHAOIN THOCHRAIDH NA CHOLAISTE a chaidh a stèidheachadh airson sruth airgid a chur air bhonn a bheir taic do dh’iomairtean sònraichte.


5. CAIDREABH AN T-SABHAIL  a tha a’ toirt fo-sgrìobhadh bliadhnail seachad don luchd-taic anns am faighear ìsleachadh phrìsean air bathar, seirbheisean is tachartasan na colaiste.


Faodar Gift Aid fhaighinn an lùib gach tabhartais agus tha sin a’ ciallachadh gum faigh an t-Urras Leasachaidh na cìsean air ais air an tabhartas agaibh a tha sibh air pàigheadh mar-thà agus gun tèid luach an tabhartais agaibh am meud don treas cuid a-rithist. Faodaidh muinntir nan cìsean àrda buannachd fhaighinn à tabhartas cuideachd is iad a’ dèanamh tagradh airson an t-suim eadar a’ chìs nas àirde is a’ chìs bhunaiteach fhaighinn air ais air na foirmichean bliadhnail.

Faodaidh luchd-tabhartais às na Stàitean Aonaichte tabhartas a thoirt seachad tron t-sruth chlàraichte US 501(C)3 agus faodar a h-uile suidheachadh a rèiteachadh gus dèanamh cinnteach gum faighear na sochairean chìsean as buannachdail às na tabhartasan.

Faodar am foirm gu h-ìosal a chlò-bhualadh, a lìonadh agus a chur thugainn.  Tha sinn an dòchas gum bi goireas air-loidhne againn a dh'aithghearr.

   Foirm Taic