Tha an làrach seo a' cleachdadh chriomagan. Am bu mhath leat cead a thoirt dhuinn airson criomagan a chleachdadh? Bu mhath.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh.

Home

SMO @ Celtic Connections

 

19 Am Faoilleach     SMO @ Celtic Connections

Bha Talla a’ Bhaile ann an Glaschu loma-làn oidhche Shathairne airson cuirm-ciùil shònraichte, SMO@40, far an tàinig iomadach neach-ciùil iomraiteach còmhla gus buaidh Sabhal Mòr Ostaig thar nam bliadhnaichean agus an dlùth cheangal a tha air a bhith aig a’ cholaiste ri ceòl sna 40 bliadhna bhon a chaidh a cur air chois a chomharrachadh.

Mar phàirt de Celtic Connections 2013,  bha a’ chuirm-chiùil mar urram dhan cholaiste is an obair phrìseil is thorrach a tha i air a dhèanamh mar Ionad Nàiseanta Cànan is Cultar na Gàidhlig, agus gus comharrachadh mar a tha Sabhal Mòr air buaidh mhòr a thoirt air beatha chultarach na h-Alba thar nan dà fhichead bliadhna a dh’fhalbh.

Am measg an luchd-ciùil is seinneadairean a nochd air an àrd-ùrlar bha: an seinneadair Gàidhlig Julie Fowlis, an neach-piàna is sgrìobhadair-ciùil ainmeil à Èirinn Proifeasair Mícheál Ó Súilleabháin, am fìdhlear Albannach Alasdair Friseal, Christine Primsrose, Feargaidh Dòmhnallach, Mairead Stiùbhart, Seumas Greumach, Ailean Dòmhnallach, Decker Forrest, Màiri Anna NicUalraig, Dàimh, Ailean MacEanraig, Iain Dòmhnallach, Aonghas MacNeacail, Ingrid NicEanraig, Anndra Mac a’ Phearsain, Murchadh Camshron, Alasdair MacIlleBhàin, Eilidh NicPhàidein, Natalie Haas, Niall Keegan, Sandra Joyce agus Coinneach Edge.

Thuirt Donaidh Rothach, An Stiùiriche aig Sabhal Mòr Ostaig airson Leasachaidh, Tional-airgid agus nan Ealain agus a chuir an tachartas air adhart còmhla ri Stiùiriche Celtic Connections Dòmhnall Seathach: “Cha b’ urrainn dòigh na b’ fheàrr a bhith againn airson tòiseachadh a’ comharrachadh na bliadhna shònraichte seo ann an eachdraidh an t-Sabhail. Tha mar a tha cruinneachadh iongantach agus air leth tàlantach de luchd-ciùil is seinneadairean eadar-nàiseanta air tighinn còmhla gus urram a shealltainn dha SMO na chomharra air a’ bhàidh is an spèis a th’ aig daoine don cholaiste. Tha e cuideachd a’ sealltainn mar a tha àite sònraichte aig Sabhal Mòr Ostaig ann an saoghal cultarach na h-Alba.

Chaidh cuirm shònraichte a chumail air an aon latha air an fheasgar aig Conservatoire Rìoghail na h-Alba aig 2.00f le oileanaich ciùil na Colaiste bhon chùrsa BA (le Urram) Gàidhlig is Ceòl Traidiseanta.

Bha cuideachd cothrom aig duine blasad Gàidhlig a thogail air no piseach a thoirt air an cuid Gàidhlig le cùrsa  a ruith tron latha aig an Lèanag ann am Partaig.

1 An Gearran

Bidh Maighread Stiùbhart, a bha na Ceòladair air Mhuinntearas aig Sabhal Mòr Ostaig, a’ taisbeanadh ‘A’ Bhanais Ghàidhealach/The Highland Wedding’ air Dihaoine 1 Gearran aig Celtic Connections. Bidh òrain, ceòl is ealain bho na làithean a dh’fhalbh agus an latha an-diugh ri chluinntinn is ri fhaicinn, an dà chuid ceòl traidiseanta agus ceòl ùr, cho math ri ceòl a rinn Maighread a dh’aona-ghnothaich don chuirm seo. Bidh an consart a’ tòiseachadh aig 7.30f ann an Leabharlann Mitchell. Gheibhear tiocaidean agus tuilleadh fios bho www.celticconnections.com/Events/Pages/Event.aspx?ev=448&ty=Gaelic

  SMO @ Celtic Connections PDF