Tachartasan SMO@40
Gheibh thu blas de na tachartasan a bhios a' gabhail àite tron bhliadhna an seo agus air an duilleag Facebook againn. Bidh fiosrachadh mu dheidhinn thachartasan a bharrachd a' nochdadh san àm ri teachd.
An Giblean |
|
| 20 An Giblean | Fèill Ghàidhlig na Colaiste |
|
Bidh Sabhal Mòr Ostaig a’ cumail Fèill Ghàidhlig do gach neach aig a bheil ùidh sa Ghàidhlig. ’S e latha làn spòrs, cabadaich agus càirdeas a bhios ann le buthagan de stuthan Gàidhlig, caisteal bocadaich, bùithtean-obrach, geamannan, BBQ agus ceòl. Bidh an fhèill a' gabhail àite eadar 12.00 is 5.00f agus tha i an asgaidh. Bidh cèilidh ann aig 9.00f far am bi Glenfinnan Ceilidh Band a' cluiche. Tha tiocaidean a' cosg £5/£3 do dh'oileanaich. Airson barrachd fiosrachaidh, cuir post-d gu gaidhlig@smo.uhi.ac.uk |
|
| 20-21 An Giblean | Cùrsa Sàr Sgilean Rèidio 3 |
| Fo stiùir eòlaichean is craoladairean, seo cothrom beachd airson prògram rèidio a chur an cèill agus a thoirt gu buil. Barrachd fiosrachaidh aig www.smo.uhi.ac.uk/gd/cursaichean/cursaichean-goirid/bhon-a-chiad-chothrom-gu-craoladh-le-cursaichean-reidio | |
| 27 An Giblean |
Ceòl is Craic ann an Glaschu |
|
Blasad ceòl is craic bho oileanaich is luchd-teagaisg na Colaiste aig an Centre for Contemporary Arts ann an Glaschu, le consairt le Ailean Dòmhnallach, Cairistiona Primrose agus oileanaich ciùil an t-Sabhail aig 7.30f. A bharrachd air a' chonsairt, bidh bùthan-obrach a leanas ann feasgar:- 3.00- 3.20f: Taisbeanadh an t-Sabhail 3.20f- 3.50: Blasad Gàidhlig airson daoine aig ìre tòiseachaidh 3.50- 4.30f: Òrain Ghàidhlig le Cairistiona Primrose 4.30- 5.00f: Seisean Gàidhlig airson luchd-ionnsachaidh aig ìre meadhanach |
|
An Cèitean |
|
| 18 An Cèitean | Cèilidh nan Seann Oileanach |
| 'S e seo cothrom do sheann oileanaich an t-Sabhail dà fhichead bliadhna na colaiste a chomharrachadh le ceòl bho chòmhlan-ciùil air leth, Deòch 'n Dorus. Tha sinn an dùil gur e oidhche làn spòrs is craic a bhios ann agus tha sinn an dòchas gum bi sibh comasach tighinn còmhla air a son. Bidh a' chèilidh a' gabhail àite san t-Seòmar Bìdh aig Union Oilthigh Ghlaschu bho 8.30f-1.00m agus tha tiocaidean a' cosg £10. Gus fiosrachadh fhaighinn air mar a gheibh sibh tiocaidean, cuiribh post-d gu naidheachd@smo.uhi.ac.uk | |
| 23 An Cèitean | Coinneamh Bhuidheann Buaileachaidh na Gàidhlig |
| Mar phàirt de na tachartasan airson SMO@40 tha Buidheann Buaileachaidh na Gàidhlig aig Comhairle na Gàidhealtachd a' cumail aon de na coinneamhan aca aig Sabhal Mòr Ostaig. Tha a' bhuidheann seo a' brosnachadh agus a' cur taic ri cànan, dualchas agus cultar na Gàidhealtachd, agus a' cur Plana Gàidhlig na Comhairle an gnìomh. | |
An t-Ògmhios |
|
| 7-8 An t-Ògmhios | Community Land Ownership – A Fairer Future: Co-labhairt Community Land Scotland |
| 26-28 An t-Ògmhios | Tional: Co-labhairt Celtic Neighbours |
| Bidh an co-labhairt, cruinneachadh is fèill eadar-nàiseanta nan ealain 's a' chultair seo a' gabhail àite aig Sabhal Mòr Ostag am bliadhna. Le daoine a' tighinn à dùthchannan a leithid Alba, Èirinn, A’ Chuimrigh, Galicia, Na h-Eileanan Fàro, Dùthaich nam Basgach agus Fryslan, 's e cothrom a bhios ann dòighean-obrach nas èifeachdaiche agus nas fheumaile a lorg airson co-obrachadh san àm ri teachd. Barrachd fiosrachaidh agus foirm-iarrtais ri fhaighinn aig www.smo.uhi.ac.uk/gd/naidheachdan/tional | |
An t-Iuchar |
|
| 01 An t-Iuchar | Cùrsaichean Goirid an t-Samhraidh |
| Thèid taisbeanadh ùr a chur air bhog a’ foillseachadh eachdraidh an t-Sabhail ann an dealbhan, cuimhneachan agus bàrdachd. | |
| 29 An t-Iuchar- 2 An Lùnastal | Cùrsa Chleasaidheachd: Dràma sa Ghàidhlig |
| Anns a' chùrsa seo tha cothrom ann a bhith ag obair cuide ri cleasachaidhean proifeiseanta Gàidhlig ann an sreath de bhùithtean-obrach agus sàr-chlasaichean gus na sgilean dràma, gutha agus gluasaid agad a leasachadh. barrachd fiosrachaidh aig www.smo.uhi.ac.uk/gd/cursaichean/cursaichean-goirid/acting_gaelic_drama_29_07_2013 | |
An Lùnastal |
|
| 5-9 An Lùnastal | A' Teagasg Dràma tron Ghàidhlig |
| Anns a' chùrsa seo bithear an sàs ann an sreath de bhùithtean-obrach is chòmhraidhean cuide ri luchd-teagaisg bhon RCS, agus an cleasaiche is stiùiriche, Artair Donald. Barrachd fiosrachaidh aig www.smo.uhi.ac.uk/gd/cursaichean/cursaichean-goirid/teaching_acting_05_08_2013 | |
| 5-9 An Lùnastal | Cùrsa rèidio aig Conservatoire Rìoghail na h-Alba |
An t-Sultain |
|
| 10 An t-Sultain | 40 bliadhna bhon latha a thòisich a’ chiad chùrsa aig a’ Cholaiste ann an 1973 |
An t-Samhain |
|
| 09 An t-Samhain | Sabhal Mòr Ostaig Ball, Taigh-òsta Grosvenor, Glaschu |