Stiùireadh na Colaiste
Tha Bòrd Stiùiridh aig Sabhal Mòr Ostaig a tha os cionn riaghladh na Colaiste. 'S ann orrasan a tha an t-uallach airson leasachadh phoileasaidhean agus roi-innleachd na Colaiste a stiùireadh. An-dràsta, se Aonghas MacLeòid, a tha na Chathraiche air a' Bhòrd. Tha Ball bhon luchd-obrach air a' Bhòrd agus dithis riochdairean oileanach. Tha am Prionnsapal fhèin cuideachd na bhall.
Tha na roinnean a leanas fo chùram Buidheann Stiùiridh na Colaiste: Dealbhadh agus Solarachadh Acadaimigeach, Seirbheisean Corporra, agus Leasachadh.
Tha siostam chomataidhean agus dhòighean-obrach air a stèidheachadh gus amasan roi-innleachd na Colaiste a chur an gnìomh agus a' Cholaiste a ruith mar a bu chòir. Tha conaltradh èifeachdach ga bhrosnachadh le comataidhean a tha a' gabhail a-steach gach roinn den Cholaiste agus tha riochdairean oileanach air a' mhòr-chuid a chomataidhean. A bharrachd air siostaman riaghlaidh taobh a-staigh na Colaiste, bidh eòlaichean bhon taobh a-muigh cuideachd a' toirt taic dhi.
Airson tuilleadh fiosrachaidh air siostaman comataidhean agus structaran stiùiridh taobh a-staigh Sabhal Mòr Ostaig, thoiribh sùil air:
Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean
'S e Sabhal Mòr Ostaig aon de 13 com-pàirtichean ann an Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean (OGE). Tha luchd-obrach an t-Sabhail an sàs ann an leasachaidhean OGE agus bidh cuid a' gabhail pàirt ann an comataidhean iomchaidh taobh a-staigh a' chom-pàirteachais. Tha oileanaich na Colaiste cuideachd gam brosnachadh gus ùidh a ghabhail ann, mar riochdairean clas agus mar bhuill de UHISA, Comann nan Oileanach.