Amas Cinn-crìche
Tha Sabhal Mòr Ostaig airson a bhith na shàr ionad aig cridhe leasachaidhean ann an cànan agus dualchas nan Gàidheal le bhith a' tairgsinn deagh chothroman foghlaim, trèanaidh agus rannsachaidh tro mheadhan na Gàidhlig agus le bhith a' dol an sàs gu h-innleachdach còmhla ri daoine eile, luchd-gnìomhachais agus a' choimhearsnachd air fad gus leasachaidhean sòisealta, dualchasach agus eaconomach a chur air adhart. Tha a’ Cholaiste na h-àite foghlaim làn-Ghàidhlig agus na h àite gnìomhachais làn-Ghàidhlig, le sàbhaladh, brosnachadh agus leudachadh na Gàidhlig mar phrìomh adhbhar na Colaiste.