Oifis a' Phrionnsapail

Proifeasair Boyd Robasdan, Prionnsapal na Colaiste
Thòisich Boyd aig an t-Sabhal ann an 2009 agus 's ann à Uibhist a Tuath a tha e agus Gàidhlig aige bho thùs. An dèidh dha ceum Ceiltis a ghabhail aig Oilthigh Obair Dheathain, agus teisteasan teagaisg fhaighinn, thòisich e mar neach-teagaisg ann an Àrd-sgoil an Òbain agus bha e mu dheireadh na Phrìomh Thidsear Gàidhlig. Thòisich e na òraidiche air cùrsa teagaisg Cnoc Iòrdain le uallach airson oileanaich Gàidhlig. Fhuair e àrdachadh dreuchd gu àrd-òraidiche ann an 1993 nuair a thàinig Cnoc Iòrdain agus Oilthigh Srath Chluaidh còmhla.
Tha eòlas farsaing aig Boyd ann a bhith a' dealbhadh agus a' cruthachadh ghoireasan agus chùrsaichean do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig. Sgrìobh e fhèin agus fear eile an cùrsa 'Teach Yourself Gaelic' agus bha e na Phrìomh Neach-comhairle Cànain airson 'Speaking Our Language'.
Tha e na Chathraiche air a' bhuidhinn eadar-oilthighe Faclair na Gàidhlig, Pannal Measaidh Gàidhlig an SQA agus bòrd An Lòchran, buidheann ealain Ghlaschu.
Bha e na bhall de Bhòrd na Gàidhlig, na Iar-chathraiche air Comunn na Gàidhlig agus na Chathraiche air Comhairle nan Leabhraichean.
'S i Cairistìona NicCoinnich Rùnaire a' Phrionnsapail agus faodar brath a leigeil air fòn 01471 888 200 no air post-dealain runaire@smo.ac.uk