Ceangal air ais gu duilleag dachaigh na làraich  Dachaigh Oileanaich & Luchd-Obrach | Seòlaidhean | Clàr na Làraich | Stòr–dàta Briathrachais | Read in ENGLISH |
Dealbhan beaga air toglaichean na Colaiste, oileanaich agus luchd-obrach   
DACHAIGH
A' CHOLAISTE
CÙRSAICHEAN
GOIREASAN
AN LEABHARLANN
CARAIDEAN
GÀIDHLIG AIR AN LÌON
    Dachaigh » A' Cholaiste:

A' CHOLAISTE
Àrainn na Colaiste
Eachdraidh
Sùil air adhart
Cultar & na h-Ealain
Stiùireadh na Colaiste
Luchd-Dàimh
ICT
Institiùd OGE nam
Mìle Bliadhna

Cothroman Obrach

 
Stiùireadh na Colaiste
Siostam Riaghlaidh na Colaiste

Dealbh air na litrichean 'SMO' gan sgrìobhadh le torch anns an dorchadasTha Bòrd Urrasairean aig Sabhal Mòr Ostaig a tha os cionn riaghladh na Colaiste. 'S ann orrasan a tha an t-uallach airson leasachadh phoileasaidhean agus roi-innleachd na Colaiste a stiùireadh.

Tha na roinnean a leanas fo chùram Buidheann Stiùiridh na Colaiste: Dealbhadh agus Solarachadh Acadaimigeach, Seirbheisean Corporra, agus Leasachadh.

Tha siostam comataidhean agus dòighean-obrach air a stèidheachadh gus amasan roi-innleachd na Colaiste a chur an gnìomh agus a' Cholaiste a ruith mar a bu chòir. Tha conaltradh èifeachdach ga bhrosnachadh le comataidhean a tha a' gabhail a-steach gach roinn den Cholaiste agus tha riochdairean oileanach air a' mhòr-chuid a chomataidhean. A bharrachd air siostaman riaghlaidh taobh a-staigh na Colaiste, bidh eòlaichean bhon taobh a-muigh cuideachd a' toirt taic dhi.

Airson tuilleadh fiosrachaidh air siostaman, comataidhean agus Structar luchd-stiùiridh taobh a-staigh Sabhal Mòr Ostaig, thoiribh sùil air:

Logo PDF agus ceangal gu 'Structaran Stiùiridh' (Faidhle PDF 52 KB) Structaran Stiùiridh (52 KB)

Logo PDF agus ceangal gu 'Structar luchd Stiùiridh' (Faidhle PDF 52 KB) Structar Luchd-Stiùiridh SMO (64.6 KB)

Chaidh inbhe Creideas nar Cosnaichean agus Scottish Quality Management System a bhuileachadh air a' Cholaiste. Bidh a' Cholaiste a' dèanamh ath-sgrùdadh air a cuid siostaman gu cunbhalach, airson seirbheisean cho math 's as urrainn a lìbhrigeadh. Rinn aithisgean sgrùdaidh QAA agus HMIE moladh mòr air cùrsaichean agus dòighean-obrach na Colaiste.
Aithisg QAA
Aithisg HMIE

Tha Sabhal Mòr Ostaig cuideachd a' cumail sùil air stiùireadh agus leasachadh Ionad Chaluim Chille Ìle.

Institiùd OGE nam Mìle Bliadhna

'S e Sabhal Mòr Ostaig aon de 14 com-pàirtiche ann an Institiùd OGE nam Mìle Bliadhna (OGE), air a riaghladh leis an Oifis-stiùiridh ann an Inbhir Nis. Tha luchd-obrach an t-Sabhail an sàs ann an leasachaidhean OGE agus bidh cuid a' gabhail pàirt ann an comataidhean iomchaidh taobh a-staigh a' chom-pàirteachais. Tha oileanaich na Colaiste cuideachd gam brosnachadh gus ùidh a ghabhail ann, mar riochdairean clas agus mar bhuill de UHISA, comann nan oileanach.

Airson an tuilleadh fiosrachaidh air dòighean-obrach Institiùd OGE nam Mìle Bliadhna, thoiribh sùil air an làraich-lìn aca.

Poileasaidhean Sabhal Mòr Ostaig

Tha dòighean-obrach agus poileasaidhean na Colaiste gan ath-sgrùdadh agus gan ath-leasachadh mar a chithear iomchaidh.

Logo PDF agus ceangal gu Poileasaidh Cànain (PDF 52 KB) Bileag Dìon Chloinne (1.57 MB)

Logo PDF agus ceangal gu Poileasaidh Cànain (PDF 52 KB) Poileasaidh Cànain (52 KB)

Logo PDF agus ceangal gu Poileasaidh Co-ionnanachd Chothroman (PDF 62 KB) Poileasaidh Co-ionnanachd Chothroman (62 KB)

Logo PDF agus ceangal gu Poileasaidh Co-ionnanachd Cinnidh (PDF 134 KB) Poileasaidh Co-ionnanachd Cinnidh (134 KB)

Logo PDF agus ceangal gu Poileasaidh Ciorraim (PDF 48 KB) Poileasaidh Ciorraim (48 KB)

Airson an tuilleadh fiosrachaidh air poileasaidhean Institiùd OGE nam Mìle Bliadhna, thoiribh sùil air: Poileasaidhean OGE

Saorsa Fiosrachaidh

Tha Sabhal Mòr Ostaig a' cur roimhe fiosrachadh sam bith a dh'iarras duine fo Achd Saorsa an Fhiosrachaidh (Alba) 2002 a sgaoileadh thuca. Tha seo a' gabhail a-steach fiosrachadh air mar a tha a' Cholaiste ga riaghladh, a cuid siostaman agus poileasaidhean. Tha sgeama foillseachaidh na Colaiste gu lèir ri fhaotainn air-loidhne aig: www.smo.uhi.ac.uk/foi/ Airson an tuilleadh fiosrachaidh cuiribh brath gu Nicola NicAoidh.

 

Sabhal Mòr Ostaig, Slèite, An t-Eilean Sgitheanach, Alba IV44 8RQ Fòn: +44 (0) 1471 888 000 Post-dealain
A' Cholaiste   |   Cùrsaichean   |   Goireasan   |   An Leabharlann   |   Caraidean   |   Gàidhlig air an Lìon |   Saorsa Fiosrachaidh
Oileanaich & Luchd-Obrach   |   Seòlaidhean   |   Clàr na Làraich   |  An Stòr-data Briathrachais  |  Read in ENGLISH