Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

A' tadhal air a' Cholaiste

Bidh Sabhal Mòr Ostaig a' cur fàilte air diofar bhuidhnean tron bhliadhna aig a bheil ùidh ann an obair agus feallsnachd na Colaiste. Tha sinn air fàilte a chur air luchd-tadhail bho gach ceàrn den t-saoghal agus o chionn ghoirid thàinig Madame Tan Xiutan bhon Chonsul Shìneach, Tessa Jowell BP, Danny Alexander BP agus ar seann charaidean, na Sami a chèilidh oirnn.

Leig fios dhuinn air 01471 888 215/218 no tro phost-d ana.smo@uhi.ac.uk no rl.smo@uhi.ac.uk airson a thighinn a chèilidh oirnn.

Beachdan Luchd-tadhail

Tha mi a' sgrìobhadh thugaibh airson taing mhòr a thoirt dhuibh airson na fàilte cridheil is an stiùiridh a thug sibh dhuinn nuair a thadhail sinn air an stiùideo agaibh. Bu mhath leam gu sònraichte an cothrom air stiùireadh tbh a dhèanamh, rud nach do rinn mi o chionn fhada an dèidh ceum ann an Riochdachadh Tbh fhaighinn ann an 1996. Tha mi air riochdachaidhean ENG a dhèanamh ach 's gann gum bi mi ag obair nam Stiùiriche, nam shuidhe sa chathair stiùiridh.

Bha na goireasan san stiùideo air leth math agus bha e math nach robh ach mu ochdnar clàraichte airson trèanadh. Bha an taisbeanadh leis a' chòmhlan chiùil às an roinn eile den cholaiste air leth math cuideachd. Tha mi air a bhith ag èisteachd ris a' cheòl aca air a' CD a thug sibh dhuinn.

San dealachadh, tha mi airson taing a thoirt dhuibh airson ar bidhe agus nam prèasantan a thug sibh dhuinn sa phoca. Tha iad a' cumail an turais againn don Eilean Sgitheanach is don cholaiste agaibh nar cuimhne agus cha dìochuimhnich sinn e gu bràth.

Tha mi an dòchas gum faigh mi an cothrom tadhail oirbh ma bhios mi anns a' Ghàidhealtachd a-rithist."
 

                                                      

"Is mise Lawrence à Coventry University. Tha mi airson taing mhòr a thoirt dhuibh airson cothrom a thoirt dhomh airson tadhal air a' cholaiste agaibh. Bha an turas fhèin anabarrach math agus bha e math gun d' fhuair mi cothrom gus an stiùideo tbh agaibh fhaicinn agus pàirt a ghabhail ann an clàradh prògraim.

Tha sibh air turas math agus gàirdeachas a thoirt dhomh, taing mhòr airson nan gibhtean, bidh cuimhne agam orra gu bràth. Tapadh leibh.

 

                                                         

Ar dtús báire, ar son an ghrúpa Aonach Mhacha as Ard Mhacha , ba mhaith liom ár mbuíochas a chur in iúl as an fháilte chroíúil a cuireadh romhainn agus sinn ar cuairt ar Shabhal Mὸr Ostaig.

First of all, on behalf of the Aonach Mhacha group in Ard Mhacha I would like to express our sincerest thanks for the superb hospitality that we received during our visit to Sabhal Mór Ostaig.

Tá ard-áiseanna agaibh ag Sabhal Mὸr agus thuig muid go raibh paisean agus díogras ag na baill foirne ar bhuail muid leo don Ghàidhlig, do chultúr na Gàidhlige agus don oideachas lán-Ghàidhlige, rud a chuaigh go mór i bhfeidhm orainn uilig.

The facilities at Sabhal Mór are excellent and the staff that we met during our stay exuded an enthusiasm and passion for the Gáidhlig language and culture and for Gáidhlig medium education which was inspiring.

Eispéireas den scoth a bhí sa turas don ghrúpa uilig agus threisigh sé ár dtiomantas leis an chultúrlann úr a thógáil agus a fhíorú in Ard Mhacha.

The visit overall was an excellent experience for the group and strengthened our resolve to see the 'cultúrlann' project in Ard Mhacha through to fruition.

Bhí na hionadaithe uilig ó Shabhal Mὸr iontach fláithiúil dúinn le h-am a thabhairt dúinn le linn na cuairte agus tá muid go mór faoi chomaoin agat féin as an chuidiú fial leis an turas agus leis an chlár oibre a éascú.

Sabhal representatives were extremely generous with their time during our visit and we will remain forever grateful for your generous help and assistance in facilitating our stay and arranging the itinerary.

Guím gach rath agus dul chun cinn ar Shabhal Mὸr Ostaig agus bheinn buíoch díot dá dtiocfadh leat beannachtaí na Nollag a ghuí ar an fhoireann uilig ar ár son.

I wish you continued success and expansion at Sabhal Mór Ostaig and please pass on seasonal greetings to all your team.

Le buíochas agus le beannachtaí na Nollag

 

Gearóid Ó Machail

Stiúrthóir
Aonach Mhacha

 

 --}