Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Fàilte

Fàilte gu làrach-lìn Sabhal Mòr Ostaig, an t-Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig, far a bheil mòran cothroman ionnsachaidh airson daoine aig a bheil ùidh ann an Gàidhlig, an dà chuid aig a' Cholaiste agus air astar.

'S e colaiste ùr-ghnàthach a th' ann an Sabhal Mòr Ostaig agus tha goireasan ionnsachaidh air leth ann, leabharlann sònraichte fhèin math, stiùideo craolaidh is clàraidh, agus tha àiteachan-fuirich is ionad cùraim chloinne air an àrainn.

Tha obair na Colaiste ga neartachadh tro chàirdeas le coimhearsnachd na Gàidhlig agus tha iomadh pròiseact cultarach agus cruthachail stèidhichte aig Sabhal Mòr, Tobar an Dualchais, Faclair na Gàidhlig agus Cànan nam measg.

Tha na h-ealain is cultar na Gàidhlig fìor chudromach do Shabhal Mòr Ostaig agus tha a' Cholaiste a' ruith prògram air mhuinntireas ann an ceòl, litreachas agus na h-ealain lèirsinneach.

Tha sinn an dòchas gum bi cothrom agad a thighinn don Cholaiste agus sinn a' coimhead air adhart ri d' fhaicinn.

Ma tha beachd sam bith agad mun làraich, cuir post-d gu mm2.smo@uhi.ac.uk

 --}