![]() |
Dachaigh | Oileanaich & Luchd-Obrach | Seòlaidhean | Clàr na Làraich | | Stòrdàta Briathrachais | Read in ENGLISH | | ||
![]() |
||||
| DACHAIGH | GÀIDHLIG AIR AN LÌON | |||||
| Dachaigh » Cùrsaichean » Adhartas: | |||
| AN CÙRSA ADHARTAIS |
An Cùrsa Adhartais | ||
Fàilte don Chùrsa Adhartais Leis a’ Chùrsa Adhartais, ruigidh oileanaich ìre de dh’ fhileantachd a tha a’ ciallachadh gu bheil e comasach dhaibh obair fhaighinn ann an saoghal na Gàidhlig. Tha an Cùrsa Adhartais a’ cleachdadh nan aon dòighean teagaisg is ionnsachaidh ris a’ Chùrsa Inntrigidh airson nam modalan cànain. Aig an aon àm, tha e a’ daingneachadh is a’ leudachadh nan sgilean cànain a fhuair oileanaich a chuir crìoch air a’ Chùrsa Inntrigidh. Tha an Cùrsa Adhartais a’ dèiligeadh ris na puingean cànain a tha am broinn a’ Chùrsa Chomais agus tha e aig Ìre 1 de Sgeama Ceuma ‘Gàidhlig is Cuspairean Co-cheangailte a thèid a thairgsinn aig Sabhal Mòr Ostaig. Tha sia modalan cànain agus dà mhodal cuspaireil anns a’ Chùrsa Adhartais ’s iad air an teagasg tro mheadhan na Gàidhlig. Feumaidh na h-oileanaich obrachadh tro na modalan bho mhodal 1 gu modal 8. Bheir gach modal cànain ochd seachdainean agus bheir gach modal cuspaireil dà sheachdain dheug. A' toirt luchd-ionnsachaidh nas fhaisge air a chèile Gus faighinn air a’ Chùrsa ann an 2009-2010
Bidh e a’ toirt dà bhliadhna acadamaigeach gus an cùrsa seo a choileanadh. Tha seo a’ ciallachadh Modalan 1-5 sa chiad bhliadhna agus Modalan 6-8 san dàrna bliadhna. Gheibh an fheadhainn a chuireas crìoch shoirbheachail air a’ Chùrsa Adhartas Teisteanas Foghlam Àrd-ìre bho OGE. Gus faighinn a-steach gu modalan Ìre 2 de Sgeama na Gàidhlig agus Chuspairean Co-cheangailte air bhunait làn-thìde no pàirt-thìde, feumaidh oileanaich crìoch shoirbheachail a chur air measaidhean nam modalan air fad, stèidhichte air 40% air a’ char as lugha airson gach measaidh. A bharrachd air sin, feumaidh oileanaich cuibheas de 50% fhaighinn co-dhiù sna measaidhean airson Modalan 5 & 6. Tha Sabhal Mòr Ostaig a’ leasachadh mhodalan aig Ìre 2 an-dràsta airson lìbhrigeadh mar fhoghlam air astar. Airson an tuilleadh fiosrachaidh cuir fios gu: Sgioba
Chùrsaichean Air-loidhne Fòn: +44 (0) 1471 888449/450
|
|||
|
Sabhal Mòr Ostaig,
Slèite, An t-Eilean Sgitheanach, Alba IV44 8RQ Fòn: +44
(0) 1471 888 000 Post-dealain
|
|||