|
Gus a’ bhuannachd as fheàrr fhaighinn às a’ Chùrsa Adhartais, thathar a’ moladh gu bheil an coimpiutair agad a’ tighinn suas ris a’ mhion-chomharrachadh a leanas:
a. Bathar cruaidh
Chan eil bathar cruaidh neo Siostam a’ ruith a’ choimpiutair cho cudromach cho fad ’s a tha na riatanasan ri leantainn agad:
- Fuaim: Gus na faidhlichean fuaim a chluich, tha feum air fuaim a bhith ag obair air a’ choimpiutair, mar chairt-fhuaim neo air a thogail dhan motherboard.Feumaidh speakers neo fòn-cluaise a bhith ceangailte ris a’ choimpiutair.
- Fòn-cluaise le microfòn aonaichte: Airson measaidhean labhairteach a chlàradh leis na h-oileanaich
- Ceangal Eadar-lìn: Gus faighinn a-steach gu obair a’ chùrsa agus airson taic rianachd. Tha Bannleathann (ADSL, Cable neo eile) nas fheàrr na dial-up, gus luchdachadh a-nuas nam fiadhlaichean MP3 a dhèanamh nas luaithe.
- Clò-bhualadair: Bidh e fada nas fhasa obair a’ chùrsa a leughadh ma bhios na faidhlichean PDF air an clò-bhualadh.
b. Bathar bog
Chan eil am pasgan chleachdaidhean air a’ choimpiutair cho cudromach cho fad ’s a bhios na riatanasan ri leantainn agad.
- Sealladair: Tha feum air sealladair gus faighinn a-steach gu obair a’ chùrsa. Tha na dreachan as ùire a’ gabhail a-staigh : Internet Explorer 7; Firefox1.5; Opera 9.0; Safari 1.2 & Konqueror 3.5.2
- Leughadair Adobe Acrobat PDF: Feumaidh Adobe Acrobat a bhith air a’ choimpiutair agad gus faidhlichean-obrach a’ chùrsa a leughadh a tha ri fhaighinn mar PDF. ’S e an dreach as ùr Adobe Acrobat Rader 8.0 a tha ri luchdachadh a-nuas bhon eadar-lìon.
- Cluicheadar MP3: tha e cudromach gu bheil dòigh aig a’ choimpiutair agad faidhlichean-fuaim MP3 a chluich. Nam broinn tha am pìos dhe dh’obair a’ chùrsa a tha a’ dèiligeadh ri fuaim. ’S e na dreachan as ùire: Windows Media Player 10.0; Winamp 5.34; Realplayer 10.5; QuickTime (Windows) 7.1.5; Quicktime (Mac) 7.0; & xmms 1.2
- Bathar bog airson Clàradh Fuaim: Gus measaidhean a chlàradh air do choimpiutair tha bathar bog airson fuaim riatanach. Thathar a’ moladh Audacity. Mur eil e agad mar-thà, ’s urrainn dhut a luchdachadh a-nuas saor an-asgaidh aig http://audacity.sourceforge.net/
Client Post-d: Tha seo riatanach gus dèanamh cinnteach gur urrainn do sgioba a’ chùrsa compàirteachadh leis an oileanach le post-d.
|
|