Gliogaibh an seo airson fiosrachaidh slàn air nam Modailean
Na Modalan Cànain
Coltach ris a’ Chùrsa Inntrigidh, tha faidhlichean-fuaim/CDan agus leabhraichean-obrach air-loidhne airson gach aonad air an cleachdadh gus do stiùireadh tro na sia modalan cànain. Tha na faidhlichean-fuaim/CDan bunaiteach dhan chùrsa mar ghoireas gus sgilean èisteachd a leasachadh. Faodaidh tu obrachadh orra aig àm sam bith a tha freagarrach dhut, mar ullachadh airson do cho-labhairt fòn gach seachdain a bhios gad cheangal ri buidheann bheag de dh’ oileanaich eile agus ri do neach-oide. Tha taghadh de dh’ amannan ri fhaighinn agus faodaidh tu pàirt a ghabhail bho àite sam bith far am faigh thu fòn neo an t-eadar-lìon. Bidh na co-labhairtean fòn seo a’ mairsinn 45 mionaid, agus tha iad aig cridhe a’ phrògram ionnsachaidh.
Na Modalan Cuspaireil
’S e Bun-fhiosrachadh mu Ghaìdhealtachd na h-Alba a th’ ann am Modal 7. Tha am modal seo a’ toirt do dh’oileanaich sealladh ioma-chuspaireach farsaing dhen Ghàidhealtachd agus, le bhith a’ cleachdadh nan dòighean bunaiteach de chuspairean eadar-dhealaichte m.e. eachdraidh, tìr-eòlas agus geòlas, tha e a’ toirt cothrom do dh’ oileanaich fàs nas eòlaiche air an sgìre.
’S e Nua-litreachas: Sgilean Sgrùdaidh is Cruthachaidh a th’ ann am Modal 8. Tha am modal seo airson sgilean sgrìobhaidh cruthachail nan oileanach agus mothachadh air gnèithean is stoidhlean cumanta ann an nua-litreachas na Gàidhlig a leasachadh. Bheir e air adhart comas gus raon stèidhichte de litreachas Gàidhlig,’s seo a’ gabhail a-staigh bàrdachd, rosg is drama, a bheachdachadh is a mheasadh.
Tha dà eileamaid measaidh ann airson gach modail.
Sgoiltean Deireadh-seachdain
Leis a h-uile dàrna modal cànain, thèid sgoil dheireadh-seachdain a chumail aig Sabhal Mòr Ostaig thairis air na sia modalan le cothrom gus na sgilean cànain agad a chleachdadh agus a dhaingneachadh. Ged nach eil agad ri am frithealadh, ’s e deagh chothrom a th’ ann ùine a chur seachad ann an àrainneachd Ghàidhlig còmhla ri oileanaich eile aig an aon ìre riut fhèin. Cha chosg an teagasg dad a bharrachd dhut agus far as urrainnear a dhèanamh, thèid àite-fuirich aig a’ Cholaiste fhèin a thabhann dhut, aig prìs reusanta. Air a neo gheibh thu bhuainn liosta le B&Ban agus taighean-òsta san sgìre cuideachd mas fheàrr leat. Gheibh thu barrachd fiosrachaidh air clàradh air sgoil dheireadh-seachdain, an uair ’s a tha an cùrsa air tòiseachadh.
Ciamar a bhithear a’ cumail sùil air an adhartas a tha mi a’ dèanamh?
Tha agad ri measaidhean sgrìobhte agus labhairteach a chur dhan oide agad aig deireadh gach modal cànain. Bu chòir dhut na measaidhean sgrìobhte agad a chur dhan neach-oide agad le post-dealain. Bidh cuid de na measaidhean labhairt air an dèanamh beò air a’ fon, leis an neach-oide agad ag èisteachd riut. Airson còrr nam measaidhean labhairteach, feumar prògram clàradh fuaim a bhith agad m.e. Audacity – ’s urrainn dhut seo a luchdachadh a-nuas an-asgaidh bhon eadar-lìon. A bharrachd air sin, bidh feum agad air cluais-fhòn ris a bheil microfòn ceangailte.
Bidh dà mheasadh ri an dèanamh airson gach fear de na modalan cuspaireil cuideachd agus tha barrachd fiosrachaidh mun deidhinn rim faighinn an seo.
|